
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Chaidh geà rr-liostaichean Duaisean Litreachais na Gà idhlig agus Duais Bà rdachd Bhaile na h-Ùige fhoillseachadh thairis air an t-seachdain a dh' fhalbh. Tha farsaingeachd de sgrìobhadh agus de chuspairean an lùib nan duaisean gu lèir; ach a bheil gu leòr luchd-sgrìobhaidh bho gach coimhearsnachd de luchd-labhairt na Gà idhlig a' tighinn am follais? Tha Cathy a' bruidhinn ri Aonghas Moireasdan bhon chompanaidh foillseachaidh Acair, agus Alison Laing bho Chomhairle nan Leabhraichean, mu na tha iadsan a' faicinn nan dreuchdan fhèin.
Tha Angela NicFhionghuin air chuairt anns an Ìochdar, an Uibhist a Deas, le còmhradh a chaidh a chlà radh airson Symposium Cheòlais.
Cha bheag an fhòirneart agus an cogadh a tha san Ear Mheadhanach an-drà sta. Ach a bheil boillsgeadh dòchais ann airson sìth is barrachd cà irdeas eadar an Tuirc agus Siria, dà dhùthaich a th' air a bhith aig ugannan a chèile airson bliadhnaichean? Tha riaghaltas na Tuirc ag rà dh gu bheil agus tha Iain Mac a' Phearsain air a' rannsachadh na cùis dhuinn.
Cha bheag na tha sinn air fhaicinn de cheò agus de dh'uisge air an t-samhradh. Bha uair ann nuair a bha conachagan gan sèideadh air tìr faisg air cladaichean cunnartach agus taighean-solais nuair a bhiodh ceò gu math tiugh ann. Tha Mà irianna NicChoinnich air a bhith bruidhinn ri daoine mu na cuimhneachain a th' aca fhèin air na conachagan air tìr.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 22 Aug 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 22 Aug 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal