Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè bhios a' cur dragh oirnn nuair a bhios sinn a' siubhal a-null thairis air itealan? What gets under our skin when flying abroad?

Dè th' ann am bancadh fosgailte, agus ciamar a tha còir air 11 millean duine againn ga dhèanamh - leth dhiubh sin, gun a bhith cinnteach dè dìreach a th' ann! Tha an eòlaiche ionmhais a' mìneachadh mar a tha buidhnean ionmhais is bancaichean ag obair còmhla ann an dòighean ùra - agus dè tha sin a' ciallachadh dhan mhòr-shluagh.

Leis a' gheàrr-liosta airson togalach Albannach na bliadhna air ainmeachadh, tha Cathy air iarraidh air an ailtire Màrtainn Mac a' Bhàillidh agus am fear-togail Iain MacÌomhair sùil a thoirt air na farpaisich eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha. Saoil dè shaoil iad dhiubh? Is cò aca a bhuannaicheadh nam biodh iadsan nam britheamhan?

Tha a' bhana-bhàrd Anna Frater air sùil a thoirt air a' leabhar bàrdachd ùr aig Aonghas Mac a' Mhaoilein - The Ways of Salt - dhuinn.

Agus an dèidh do chàraid phòsta ann an Sìona casg-siubhail fhaighinn air itealain Cathay, ri linn is cho mì-mhodhail is a bha iad ri daoine eile a bha siubhal, is cho ruighinn is a bha iad le'n cuid seathraichean a chur air ais... dè na rudan as lugha oirnn nuair a bhios sinn a' siubhal air itealan? Tha Alison NicRath agus Krisell NicDhòmhnaill cleachdte gu leòr ri bhith a' siubhal air plèana; agus bha Eilidh NicIlleathain roimhe ag obair air itealain. An dùil dè chanas iad fhèin?

57 minutes

Last on

Tue 24 Sep 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 24 Sep 2024 09:00
  • Tue 24 Sep 2024 22:25