
le Cathy NicDhòmhnaill
'S i an t-ùghdar Shelagh Chaimbeul cèiliche na seachdain. Award-winning author Shelagh Campbell is Cathy's guest this week.
Gach latha, tha deilbh uabhasach de bhrùidealachd cogaidh agus call-beatha san Ear Mheadhanaich air na naidheachdan. Agus aig teis-mheadhain a' chomhstrì an-drà sta tha a' bhuidheann Hezbollah - pà rtaidh agus riaghaltas neo-oifigeil ann an Lebanon, agus buidheann ceannairc a-rèir Israel agus mòran dhùthchannan air taobh siar an t-saoghail. Ach cò às a thà inig a' bhuidheann sa - agus ciamar a dh'fhàs iad cho là idir 's gu bheil iad nan dùbhlan do dh'airm is feachdan Israel? Tha Iain Mac a' Phearsain ag aithris air a' ghnothaich.
Thòisich coinneamhan fiosrachaidh ann an Leòdhas air an t-seachdain sa mun a' phlana airson tuath-gaoithe mòr far taobh siar Leòdhais, Spiorad na Mara. Ach dè dìreach a th' anns a' phlana seo gu mionaideach? Tha am fear-naidheachd Derek MacAoidh air a bhith a' rannsachadh.
Choisinn Shelagh Chaimbeul duais airson ficsean aig Duaisean Litreachais na Gà idhlig air a' mhìos seo, agus 's i cèiliche na seachdain. Eadar a h-obair aig Roinn nan Inbhean Malairt, a teaghlach aig a bheil dlùth cheangail ri sgrìobhadh, agus mar a thà inig i fhèin gu sgrìobhadh sa chiad à ite, 's iomadh cuspair air an dèan i fhèin is Cathy cagnadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 25 Sep 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Sep 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal