
le Cathy NicDhòmhnaill
Carson a tha prìs an dealain ann am Breatainn cho à rd an taca ri dùthchannan eile? Why are British energy prices so high compared to the rest of the world?
Cha bheag an dùbhlan agus an connspaid a tha an cois prìsean dealain is cumhachd sa rìoghachd - is an geamhradh a' teannadh dlùth. Ach carson a tha na prìsean sa Rìoghachd Aonaichte cho à rd an taca ri dùthchannan eile dhen aon mheud is leis an aon seòrsa aimsir? Tha an eòlaiche ionmhais Dòmhnall Mà rtainn air a bhith rannsachadh.
Tha Aaron Ingram a' bruidhinn ri Cathy mun an iomairt a tha e fhèin a' dèanamh gus seann phìob mhòr a lorg, gus na sgilean pìobaireachd aige fhèin a leasachadh.
Agus 's e Tormod Mac a' Ghobhainn cèiliche na seachdain - 21 bliadhna às deidh dha bonn òr an t-seann nòis a chosnadh aig Mòd an Òbain ann an 2003. Eadar sgeulachdan a' Mhòid agus sgeulachdan an t-seòlaidh, 's iomadh cuspair air an dèan e fhèin is Cathy cagnadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 9 Oct 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Oct 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal