Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Cò na daoine is na dreuchdan a th' anns a' sgioba ùr aig Keir Starmer air Sràid Downing? Who has Keir Starmer appointed to his new team in No. 10 Downing Street?

Tha connspaid air a bhith a' leantainn Keir Starmer ri linn 's an eas-aonta a bh' air cùl nan dorsan sa riaghaltas, mu cheannard luchd-obrach a phrìomhaire, Sue Gray. Tha ise a-nise air a dreuchd a leigeil dhith - agus atharrachadh mòr sa sgioba aig Starmer. Ach cò iad na daoine agus na dreuchdan a th' air atharrachadh? Tha an tè-naidheachd Anna NicLeòid ag aithris.

Chuir taigh-bidhe sa Chòrn poileasaidh ùr an gnìomh: càin mura crìochnaich thu na th' air do thruinnsear, is iad airson gearradh air ais air caitheamh-bidhe leis a' luchd-ceannachd aca. Ach ciamar a tha sinn a' faireachdainn mun chuspair san fharsaingeachd - is a bheil e ceart a' leithid seo a dhèanamh gus feuchainn ri na th' air a shadail às a lùghdachadh? Tha Iain MacRuairidh, Michelle Nicol, agus Mairead NicLeòid a' deasbad air a' ghnothaich le Cathy.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Chalum Iain Bartlett air an iomadach adhbhar a tha ceist nan Eilean Chagos, agus ionad-armaichte Diego Garcia, air uimhir a chonnspaid a phiobrachadh - le Breatainn a-nise ag ràdh gu bheil iad gan toirt seachad dha Mauritius. Ach carson a tha luchd-airm, luchd-brathaidh, agus eòlaichean dìon eadar Breatainn, Sìona, na h-Innseachan agus Ameireaga a' faicinn nan eilean sin mar àite cho cudromach?

Agus tha Catrìona Mhoireach, Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, agus Nan NicDhòmhnaill cuide ri Cathy le beachd air Rathad nam Bàthach - Byres Road - is mar a tha an t-sràid ainmeil sa air taobh siar Ghlaschu air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.

57 minutes

Last on

Tue 8 Oct 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 8 Oct 2024 09:00
  • Tue 8 Oct 2024 22:25