Main content
This programme is not currently available

Siud agad 2024!

Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn sa chathair le farpais-cheist a' coimhead air ais air 2024. Coinneach Smith chairs a quiz looking back at 2024.

Sùil èibhinn, aithghearr air a' bhliadhna a dh' fhalbh, le farpais-cheist eadar chraoladairean Radio nan Gàidheal.

Ann an aon sgioba tha Derek 'Pluto' Moireach agus Emma NicLaomainn: nan aghaidh san dàrna sgioba tha Seonag Monk agus Niall Iain Dòmhnallach. Abair thusa sgiobannan farpaiseach...

Ach saoil cò a gheibh làmh an uachdair sna cuairtean a' gabhail sgrìob tro naidheachdan beag, mòr, is annasach na bliadhna? Agus saoil am faigh Coinneach Mac a' Ghobhainn air smachd a chumail air a' cheathrar sin fad uair a thìde! Aon nì cinnteach, bidh fuaim, plòigh, is farpais gu leòr sa stiùidio nan cuideachd.

57 minutes

Last on

Sun 5 Jan 2025 13:05

Broadcasts

  • Tue 31 Dec 2024 09:00
  • Tue 31 Dec 2024 21:00
  • Sun 5 Jan 2025 13:05