Main content

Beàrnaraigh na Hearadh

Episode 1 of 7

Fred MacAmhlaigh a' tarraing à tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the ÃÛÑ¿´«Ã½ in the islands and Canada in 1987.

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.

A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Eilean Bheàrnaraigh a tha e a' tadhal.

Cluinnidh sinn an aibidil ann an Gàidhlig aig Cairistìona Patterson, agus i ag innse cuideachd mar a bha iad a' buain mhònach air Eilean Bhacasaigh.

Tha Donnchadh MacLeòid, Donnchadh Ruairidh Chùbair ag aithris Ã’ran an t-Siùil, a rinn Iain Eàirdisidh MacAsgaill do dh'Aonghas Dhòmhnaill 'ic Iain a bha air seòl ùr a dhèanamh dhan eathar aige, Welcome ÃÛÑ¿´«Ã½. Tha e cuideachd ag aithris Sgeul a' Ghille Mhaoil.

Cluinnidh sinn cuideachd bho Iain Aonghas Patterson a bha air là a chur seachad còmhla ris an Teaghlach Rìoghail ann an 1956, a' sealltainn dhaibh càit' an glacadh iad iasg ann an Caolas na Hearadh.

A thuilleadh air a sin gheibh sinn Òran na Stocainnean, Òran a' Chafe, An Neamhnaid Luachmhor agus rann na dà de dh'Eilean Bheàrnaraigh.

6 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 12 Oct 2025 10:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Tobar an Dualchais

Broadcasts

  • Mon 6 Oct 2025 15:30
  • Wed 8 Oct 2025 20:00
  • Sun 12 Oct 2025 10:00