ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,27 Jan 2025,30 mins

Beàrnaraigh na Hearadh

Tobar an Dualchais

Available for 6 days

Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich - sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, as cionn a h-uile càil tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath. A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e tràth ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil às. A seo 's ann air Eilean Bheàrnaraigh a tha e a' tadhal. Cluinnidh sinn an aibidil ann an ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ aig Cairistìona Patterson, agus i ag innse cuideachd mar a bha iad a' buain mhònach air Eilean Bhacasaigh. Tha Donnchadh MacLeòid, Donnchadh Ruairidh Chùbair ag aithris Ã’ran an t-Siùil, a rinn Iain Eàirdisidh MacAsgaill do dh'Aonghas Dhòmhnaill 'ic Iain a bha air seòl ùr a dhèanamh dhan eathar aige, Welcome ÃÛÑ¿´«Ã½. Tha e cuideachd ag aithris Sgeul a' Ghille Mhaoil. Cluinnidh sinn cuideachd bho Iain Aonghas Patterson a bha air là a chur seachad còmhla ris an Teaghlach Rìoghail ann an 1956, a' sealltainn dhaibh càit' an glacadh iad iasg ann an Caolas na Hearadh. A thuilleadh air a sin gheibh sinn Ã’ran na Stocainnean, Ã’ran a' Chafe, An Neamhnaid Luachmhor agus rann na dà de dh'Eilean Bheàrnaraigh.

Programme Website
More episodes