Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, an Eaglais Shaor

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois. Service with Rev Alasdair MacAulay, minister of Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 116: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Ailig Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois.
Salm 1: 1-2 air fonn London New agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear.
Salm 24: 9-10 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Leughadh: Salm 1
Ceann-teagaisg: Salm 1: 6

Thàinig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e bliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.

Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus na h-oghaichean aca Demi agus Theo. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 23 Feb 2025 09:00
  • Sun 23 Feb 2025 15:00