
Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, An Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 91: 1-2 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Coinneach M MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 70: 4-5 air fonn Torwood agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib
Salm 118: 20-21 air fonn New London agus ‘s e Murchadh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Leughadh: Eòin 10: 1-18
Ceann-teagaisg: Eòin 10: 7
Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha e roimhe na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an t-Òib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein ann an sgìre nan Loch an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pà irce, a Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.
On radio
Broadcasts
- Sun 2 Mar 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Mar 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal