Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S iad Iain MacÌomhair agus Calum Steele a tha a' toirt sùil air na colbhan beachd. Guests, Iain MacIver and Calum Steele review the weekend's newspaper columns.

Gach Diluain bidh dithis cuide ri Cathy le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh sheachdain. 'S iad Iain MacÌomhair agus Calum Steele a tha còmhla rithe an-diugh - saoil dè na colbhan a thagh iad?

Tha dràma stèidhichte air sgeulachd fìor, ri ùr fhaicinn air Netflix, mu rud a thachair ann am baile Corby, ann a siorrachd Northampton, aig làrach muileann-stàilinn. Nuair a chaidh a mhuilean a' dùnadh ann a 1980, chaidh sgudal bhon làrach a chuir gu iomall a bhaile. Bhon uairson bha clann gam brèith le ciorramachd de dhiofar seòrsa. Tha Toxic Town a' toirt sùil air na thachair 's air an strì a rinn pàrantan son dearbhadh gur e sgudal bhon mhuilean bu choireach. Tha an te-naidheachd Anna NicLeòid a' coimhead air ais air na thachair ann a Corby agus a' toirt beachd air an dràma.

Tha toiseach a Mhàrt againn, 's a rèir Oifis na Sìde, 's e toiseach an Earraich a tha sin. An diugh, tha sinn a' gabhail an cothrom, criomag phrìseil bho tasglann Radio nan Gàidheal èisteachd as ùr - Mòr NicLeòid neo Mòr Bhrù mar a dh' aithneachear i, a' ruith air na ràithean 's air na cleachdaidhean 's an obair-là a bha nan cois, a tòiseachadh leis an Earrach.

57 minutes

Last on

Mon 3 Mar 2025 22:25

Broadcasts

  • Mon 3 Mar 2025 09:00
  • Mon 3 Mar 2025 22:25