
le Cathy NicDhòmhnaill
Le toiseach bliadhn' ionmhais, ciamar as còir dhuinn ar n-obair-pà ipeir a chur an òrdugh? Tips to spring clean our paperwork at the start of the financial year.
Cha bheag na tha de dh'obair pà ipeir ann am beatha dhaoine sa latha an-diugh. Ach dè mura h-eil smachd againn air? Tha an t-eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Mà rtainn, agus tè-lagha Isabel NicLeòid cuide ri Cathy le comhairle dhuinn uile gus smachd nas fheà rr fhaighinn air cùisean air thoiseach air bliadhn' ùir.
Bidh Dòmhnall Iain Dòmhnallach a' beachdachadh air leabhar ùr Bill Gates: Source Code. Dè tha ri ionnsachadh san fhèin-eachdraidh sa bho fhear de na daoine as motha a rinn buannachd às a' linn ùr didseatach? Agus ciamar a chòrd e ri Dòmhnall Iain?
Gheibh sinn iomradh air beatha is obair Jack Vettriano, fear-ealain ainmeil à Fiofa a bhà saich an t-seachdain sa, le Iseabail Mhoireach.
Agus 's e Dòmhnall MacChoinnich a thagh na gaisgich aigesan ann an eachdraidh dha Cathy an t-seachdain sa. Dè tha ri mholadh mun dithis a thagh e - Alasdair MacChoinnich, a lorg Abhainn MhicChoinnich ann an Canada; agus Murchadh MacPhà rlain, bà rd Mhealaboist?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 4 Mar 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 4 Mar 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal