Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1346
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1346. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 4 May 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1042
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1346
Duration: 05:00
Litir 1346: Tairbeartan na h-Alba (2)
Bha sinn a’ toirt sùil air tairbeartan na h-Alba. Anns a’ cheann a deas, faisg air Maol nan Gall – The Mull of Galloway – tha West Tarbet agus East Tarbet. Eatarra, tha tairbeart no isthmus. Nas fhaide tuath tha Tairbeart Loch Fìne a’ ceangal Cinn Tìre ri Cnapadal. Le bhith a’ tarraing bà ta thairis air an tairbeart sin, bhiodh seann mharaichean a’ seachnadh turas-mara fada timcheall Maol Chinn Tìre.
Cuideachd ann an ceann a deas na Gà idhealtachd, tha Tairbeart Loch Laomainn. Ann am Beurla tha e air a litreachadh T-A-R-B-E T, às aonais an dà rna ‘r’. Tha an tairbeart seo ainmeil ann an eachdraidh. Anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263), ro Bhlà r na Leargaidh Ghallta, tharraing Lochlannaich an longan eadar Loch Long (a tha na loch-mara) agus Loch Laomainn (a tha na loch-uisge). Rinn iad creach air bailtean air cladaichean Loch Laomainn.
A’ gluasad air ais gu tuath, tha tairbeart eadar an Linne Dhubh faisg air a’ Ghearasdan agus Loch Suaineart faisg air Àird nam Murchan. Tha Glen Tarbert seachd mìle a dh’fhaid. Nach biodh sin car fada airson bà ta a tharraing tarsainn na tìre? Uill, bhiodh e a’ sà bhaladh ùine mhòr seòladh timcheall chosta Mhorbhairne. Agus tha dà abhainn a’ sruthadh air ùrlar a’ ghlinne. An robh na seann mharaichean a’ cleachdadh nan aibhnichean ann an dòigh air choreigin?
Tuath air sin a-rithist, faisg air Malaig, tha tairbeart eadar Loch Mhòrair, a tha na loch-uisge, agus Loch Nibheis, a tha na loch-mara. Air Eilean Chanaigh, tha Tarbert Bay ann far a bheil an t-eilean caol agus còmhnard. Agus fada gu tuath air sin, air tìr-mor, ann an Eadar Dhà Chaolas, faisg air baile Sgobharaidh, tha an tairbeart as fhaide tuath, air cladach Linne Shannda.Â
Sin na tairbeartan air taobh an iar na h-Alba. Ach tha trì air an taobh an ear. Tha a’ chiad fhear air eilean ann an Linne Fhoirthe ris an canar Fidra. Tha seann chaisteal ann air a bheil Castle Tarbet mar ainm. Tuath air sin tha eilean ris an canar Isle of May. Bidh an tairbeart an sin na chaolas-mara nuair a tha ±ôà ²Ô ann.
Agus air taobh an ear na Gà idhealtachd, tha tairbeart air leth inntinneach agus eachdraidheil. Tha e ann an Ros an Ear faisg air Port mo Cholmaig, agus tha mi airson sùil a thoirt air. Anns a’ chiad dol a-mach, chan eil e soilleir far am biodh tairbeart an sin oir chan eil ‘isthmus’ follaiseach. Ach tha am facal tairbeart a’ nochdadh ann an grunn à iteachan an sin, le dreach na Beurla air mar T-A-R-B-A-T. Tha Tarbat Ness ann – no Rubha Thairbeirt – far a bheil taigh-solais.
Ann am Port mo Cholmaig, tha Tarbat Church of Scotland, Tarbat Old Primary School, Tarbat Golf Course, Tarbat Historic Trust agus Tarbat Discovery Centre. Ach cà it a bheil an Tairbeart fhèin?!
Bha a’ cheist sin riamh a’ cur dragh orm, gu h-à raidh leis gu bheil Port mo Cholmaig faisg air rubha an taigh-sholais. Tha e furasta seòladh eadar am port agus gob an rubha. Cha leig duine a leas bà ta a tharraing tarsainn pìos talmhainn.Â
Math dh’fhaodte gun do lorg mi fuasgladh don cheist sin nuair a thadhail mi air an Tarbat Discovery Centre. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tairbeart: isthmus, portage place; Maol nan Gall: The Mull of Galloway; Tairbeart Loch Fìne: Tarbert Loch Fyne; Cinn Tìre: Kintyre; Cnapadal: Knapdale; acarsaid: anchorage, harbour; Loch Laomainn: Loch Lomond; Loch Mhòrair: Loch Morar; Loch Nibheis: Loch Nevis; Eilean Chanaigh: the Isle of Canna; Eadar Dhà Chaolas: Eddrachillis (NW Sutherland); Sgobharaidh: Scourie; Linne Shannda: The Sound of Handa; Ros an Ear: Easter Ross; Port mo Cholmaig: Portmahomack; taigh-solais: lighthouse.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bhiodh seann mharaichean a’ seachnadh turas-mara timcheall Maol Chinn Tìre: old mariners would avoid a sea-journey around the Mull of Kintyre; ro Bhlà r na Leargaidh Ghallta: before the Battle of Largs; tharraing Lochlannaich an longan eadar Loch Long agus: Norsemen pulled their ships between Loch Long and; rinn iad creach air bailtean air cladaichean X: they plundered settlements on the shores of X; eadar an Linne Dhubh faisg air a’ Ghearasdan agus Loch Suaineart faisg air Àird nam Murchan: between Loch Linnhe near Fort William and Loch Sunart near Ardnamurchan; seachd mìle a dh’fhaid: seven miles in length; airson bà ta a tharraing tarsainn na tìre: to pull a boat across the land; a’ sà bhaladh ùine mhòr seòladh timcheall costa Mhorbhairne: saving a long time sailing around the coast of Morvern; ann an dòigh air choreigin: in some way or other; eilean ann an Linne Fhoirthe ris an canar Fidra: an island in the Firth of Forth called Fidra; anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance; chan eil e soilleir far am biodh tairbeart: it’s not clear where a tarbert would be; bha a’ cheist sin riamh a’ cur dragh orm: that question was always annoying me; tha e furasta seòladh eadar am port agus gob an rubha: it’s easy sailing between the port and the point of the peninsula; cha leig duine a leas bà ta a tharraing tarsainn pìos talmhainn: a person has no need to draw a boat across a piece of land; math dh’fhaodte gun do lorg mi fuasgladh don cheist: perhaps I [have] found a solution to the question.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bidh an tairbeart an sin na chaolas-mara nuair a tha ±ôà ²Ô ann: that tarbert is a sea-channel when the tide is full. Là n means ‘full [tide]’ and arrives after the ±ôì´Ç²Ô²¹»å³ó or ‘filling’ [rising] of the tide. Note, however, that dialectally ±ôà ²Ô can also be used for the ‘tide’ itself, regardless of state (this is more commonly an tìde-mhara).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ sruthadh air ùrlar a’ ghlinne: flowing on the floor of the glen (i.e. along the length of the glen).
Broadcast
- Sun 4 May 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.