Main content

Am Bismarck agus Bàtaichean nan Conbhòidhean

Sgeulachd an t-soithich-cogaidh Gearmailteach, am Bismarck, 's bàtaichean nan conbhòidhean. Accounts of the sinking of the Bismarck and of the role played by convoy ships in WW2.

As t-earrach 1940 bha Nirribhidh is ceann a tuath is taobh siar na Frainge fo smachd nan Gearmailteach. Thug soirbheas air tìr cothrom dhaibh sgrios a dhèanamh aig muir. Anns a bhad, b' urrainn do shoithichean-cogaidh, bataichean-aigeil is itealain-cogaidh obrachadh fada muigh an ceann a tuath a' Chuain Shiair agus ionnsaighean damaisteach a thoirt air soitheachan-cogaidh, is -marsanta, dùthchannan a' chaidreachais.

B’ i am Bismarck an soitheach-cogaidh bu mhotha sa chabhlach Ghearmailteach; 45,000 tonna le ochd gunnaichean de 15 òirleach agus nas motha na bha ceadaichte fo aontaidhean-sìth a’ Chiad Chogaidh. Fiù mus robh i air seòladh air Muir a’ Bhaltaig air an 18mh den Cheitean bha am Bismarck fon phrosbaig aig seirbhis-brathaidh Bhreatainn.

Dà latha às dèidh sin chaidh i fhèin agus soitheach eile, am Prinz Eugen, fhaicinn far chosta Nirribhidh. Bha am Bismarck luath, làidir is comasach air call mòr a dheanamh air na conbhòidhean agus dh’fheumadh stad a chuir oirre. Bha an HMS Rodney am measg tè de shoithichean a' Chabhlaich Rìoghail a bha air a tòir; bha Dòmhnall Dòmhnallach air bòrd. Bha HMS Sheffield cuideachd ga sealg agus bha Alasdair MacÌomhair oirrese.

Chuir call am Bismarck stad air ionnsaighean na Gearmailt sa Chuan Shiar le soithichean-cogaidh mòra den t-seòrsa seo. Cho-dhùin i gu robh comas ionnsaigh Bhreatainn sa chuan nas treasa na b’urrainn dhi seasamh ris. Goirid às dèidh seo thòisich ionnsaighean Gearmailteach air an Aonadh Shòibhieteach. Cha b’fhada gus an robh conbhòidhean a' chaidreachais a’ seòladh eadar Breatann agus an Ruis airson taic a thoirt dhan iomairt an aghaidh feachdan na Gearmailt.

Bha Attie MacEachairne, Murchadh Mac a' Ghobhainn agus an Caiptein Iain Dòmhnallach air soithichean sna conbhòidhean a bha dol dhan a' Ruis.

Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.

26 days left to listen

30 minutes

Last on

Sunday 10:00

Broadcasts

  • Mon 19 May 2025 15:30
  • Last Wednesday 20:00
  • Sunday 10:00