Am Blà r sa Chuan Shiar
Cunntasan is cuimhneachain mu bhith sa Chabhlach Mharsanta sa Chuan Shiar tron chogadh. Firsthand accounts of serving aboard convoy ships in the Atlantic during World War Two.
‘S iomadh seòldair a bha a' treabhadh a' chuain fad bhliadhnaichean gun an dachaigh fhaicinn, gu h-à raid anns a' Chuan Shiar, far na mhair am blà r fad a' chogaidh.
Mar eilean, bha feum aig Breatann air a bhith a' tarraing a-steach biadh, gnothaichean là itheil agus armachd tron chogadh agus b’ ann tarsainn a' Chuain Shiar à Ameireagaidh a bha a' mhor-chuid dhen a sin a' tighinn.
‘S e fairge fosgailte, fiadhaich a th' ann co-dhiù - an dà rna cuan as farsainge san t-saoghal - ach cha b’ e an aimsir a bha na dhragh tron chogadh ach na bataichean-aigeil Gearmailteach a bha a' snà igeadh, nam pailteas, fo uachdar na mara.
Bha na Gearmailtich air a chuir rompha gu feumadh iad mu 150 soitheach a chur fodha gach mìos, airson Breatann a chur air a glùinean. Bha na bataichean-aigeil cho tiugh bhon fhairge, ‘s gu robh e gu dearbha a' dèanamh dragh eiginneach do Churchill a thuirt gur e seo an aon rud a-mhà in a chur gaoir na fheòil.
Bha Tormod Moireasdan, Aonghas MacillÌosa, Dòmhnall Dòmhnallach, Seumas Caimbeul, Calum Mac a' Bhreatnaich agus Aonghas Moireach am measg na bh' ann an Cabhlach Mharsanta Bhreatainn.
Tha am prògram air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacLeòid 's chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2005.
On radio
More episodes
Broadcasts
- Monday 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Yesterday 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal