Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 36: 9-11 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall C MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh
Salm 89: 8-9 air fonn Bangor agus 's e Iain MacPhilip a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba am Beà rnaraigh
Salm 122: 8-9 air fonn New Cambridge agus 's e Kenny A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba, Ùige, Leòdhas
Leughaidhean:
Gniomharan 16: 9-15
Taisbeanadh 21:10 /22-27 & 22 1-5
Sosgeul Eòin 14: 14-29
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus, às dèidh sin, fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Gairbraid ann an sgìre Maryhill an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iadsan a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain. Mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich a' phìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Sunday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal