
Còmhla ris an Urr Pòl Moireach, an Eaglais Shaor
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 119:: 41-42 air fonn St David agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis
Salm 119: 58-60 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisbost
Salm 119: 164-165 air fonn London New agus 's e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Seumas 1: 19 - 27
Ceann-teagaisg: Seumas 1: 22
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhà gail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 1 Jun 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Jun 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal