
Còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach
Seirbheis còmhla ris an Urr Iain M Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Rev Iain M MacDonald, Tarbert Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 63: 1-2 air fonn London New agus 's e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost
Salm 31: 23-24 air fonn Stornoway agus 's e Dolaidh M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Eòin 14: 1-16
Ceann-teagaisg: Eòin 14: 6
'S ann do sgìre Bheà rnaraigh a bhuineas Iain Murchadh Dòmhnallach agus chaidh e dhan sgoil san sgìre sin mus deach e a Steòrnabhagh son foghlam aig à rd-ìre ann an Sgoil MhicNeacail agus Colaiste a' Chaisteil.
Rugadh agus thogadh Iain Murchadh air croit agus cha robh e na shrainnsear dhan obair chruaidh a bha ri dhèanamh an sin. Bha obair pà irt-ùine aige còmhla ri Roinn na Tèarainteachd Shòisealta agus bha cosnadh cuideachd aige aig aon à m ann an Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar.
Dh'atharraich beatha Iain Murchadh ann an 1989 nuair a chur e eòlas air beatha a' Chrìosdaidh agus bho thà inig an t-atharrachadh sin na bheatha, bha e a' faireachdainn gum bu chòir dha ceumannan eile a ghabhail agus a dhol a dh'ionnsachadh a bhith na mhinistear. Ann an 1995 chaidh e gu Colaiste na Diadhachd aig Oilthigh Obar Dheathain. An dèidh trèanadh airson na ministrealachd, chuir e seachad mu bhliadhna gu leth aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh. Ann an 2001 fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Nis agus dh'fhuirich e an sin gus an do ghluais e gu coitheanal an Tairbeirt anns na Hearadh.
Tha Iain Murchadh pòsta aig Alison NicDhòmhnaill (an nighean a b' òige aig an t-Urr Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mhurdaig, 's a bhean, Mà iri) agus tha triùir chloinne aca.
On radio
More episodes
Next
Broadcasts
- Next Sunday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Next Sunday 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal