Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort, Skye.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 100 : 1-2 air fonn Coleshill agus 's e Dòmhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib.
Salm 68: 18-19 air fonn Montrose agus 's e Uilleam Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 45: 13-14 air fonn Bedford agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an t-Òib.

Leughadh : Mata 22 : 1-15
Ceann-teagaisg: Mata 22: 8-10

Tha Maighstir MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha e roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an t-Òib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce, ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

30 minutes

Last on

Sun 22 Jun 2025 15:00

Broadcasts

  • Sun 22 Jun 2025 09:00
  • Sun 22 Jun 2025 15:00