
Còmhla ri Mgr Ros Crichton
Seirbheis Latha-fèille nan Naomh Peadar agus Pòl le Mgr Ros Crichton, Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Fr Ross Crichton with a service for Feasts of St Peter and Paul.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
O Thoir Mi Null Gud Chridhe Naomh agus Thighearna Thà inig Thu Chun na Linne le Còisir Eaglais Naomh Barr ann am Barraigh.
Laoidh an Iasgair air a sheinn le Kathleen NicAonghais
An còmhlan Sian a' seinn Laoidh Chaluim Chille.
Leughadh: Eòin 21: 1-17
Rugadh Mgr. Ros Crichton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean-teaghlaich là idir aige ri Earra-Ghà idheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhà thar.
Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad 5 bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Ghregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhrà ing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart-cuideachaidh fad bliadhna ann am Paraiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an Lagh.
A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e a Bheinn na Faoghla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh 10 bliadhna na shagart-paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart-paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èirisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair an Uibhist a Deas ann an 2017. Aig an aon à m, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sà cramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach.
Tha e na Iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis no Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama.
On radio
Broadcasts
- Sunday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal