Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

'S iad Murray MacLeòid agus Ruairidh Rothach a tha a' taghadh nan colbhan beachd dhuinn. Roddy Munro and Murray MacLeod choose from the weekend's newspaper opinion columns.

Gach Diluain bidh dithis cuide ri Cathy le 'n taghadh fhèin bho cholbhan beachd an deireadh sheachdain. An-diugh 's iad Murray MacLeòid agus Ruairidh Rothach a tha air a bhith a' rannsachadh nam pàipearan is a' leughadh nam pìosan - saoil dè bu tharraingiche is a b' inntinniche a lorg iad?

Agus tha Magaidh NicDhòmhnaill gar toirt air turas eadar a' chidsin agus taisbeanadh-ealain - 's i ag ionnsachadh mu dhealbhan is mu obair-ealain cyanotype. Le taisbeanadh ùr "Gorm an Fheòir" le Danielle NicLeòid - dealbhan cyanotype a tha a' cleachdadh lusan, sìtheanan, is planntrais bhon bhaile aice fhèin - ri fhaicinn ann an Grinneabhat am Bràdhagair an-dràsta, fhuair Magaidh cothrom i fhèin fheuchainn sa chidsin aig Danielle.

57 minutes

Last on

Mon 23 Jun 2025 22:25

Broadcasts

  • Mon 23 Jun 2025 09:00
  • Mon 23 Jun 2025 22:25