le Cathy NicDhòmhnaill
Carson a tha cuid againn air ar beò-ghlacadh le blas nan teòclaidean? With chocolate prices rising in the shops, why do some of us find it so hard to say no to chocolate?
Tha 70 bliadhna ann bho thòisich a' BhBC a' craoladh a dh' Antarctica gach Ògmhios - air a' latha as fhaide dhen t-saoghal mu thuath, agus a' latha as duirche mu dheas. Ach cò dìreach a tha a' fuireachd ann an Antarctica mun à m sa, agus gu bheil a' BhBC a' craoladh thuca? Tha Maureen NicLeòid air a bhith rannsachadh dha Cathy.
Chuir an naidheachd gu bheil an tinneas rabies air boireannach à Breatainn a mharbhadh, às deidh turas a Mhorocco far an do bhìd cù i, uabhas air gu leòr. Ged a chluinneas sinn mu dheidhinn ann am fiolmaichean uaireannan - dè dìreach a th' anns an tinneas, agus dè cho mòr is a tha an cunnart nuair a thèid sinn a-null thairis?
Tha e coltach gu bheil prìsean teòclaid a' sìor-èirigh sna bùithtean. Ach a dh' aindeoin sin, tha cuid againn air ar beò ghlacadh leis na mìlsean sin chun an ìre is nach tèid againn air an cumail às na preasan! Carson ge-tà a tha teòclaid gar glacadh? Tha triùir a tha gu math measail orra cuide rinn airson feuchainn ri mhìneachadh...
Agus 's e an craoladair Aonghas Dòmhnallach, às a' Rubha ann an Leòdhas, a tha a' taghadh dithis ghaisgeach ann an eachdraidh dhuinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tuesday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tuesday 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal