Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1354
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1354. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 29 Jun 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1050
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1354
Duration: 05:00
Litir 1354: Auchenflower
Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astrà ilia, mhothaich mi gun robh à iteachan gu leòr ann a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gà idheal. Ann an Tasmania, mar eisimpleir, tha beanntan ann air a bheil Ben Nevis agus Ben Lomond.
Ann an Sydney, tha fo-bhailtean ann le ainmean Albannach. Gu tric, bha an t-ainm air a chur air taigh mòr no oighreachd. Nuair a chaidh am mòr-bhaile am meud, ghabh am fo-bhaile ùr ainm na h-oighreachd. Seo eisimpleirean a bhuineas do dhualchas nan Gà idheal: Balmoral, Blair Athol, Campbelltown agus Kyle Bay.
Mar as trice, chan eil an t-ainm agus coltas na tìre a’ tighinn a rèir a chèile mar a bhitheadh ann an Alba. Ge-tà , tha aon à ite ann far a bheil an t-ainm stèidhichte, a rèir choltais, air cruth na tìre. ’S e sin Inverloch, no ‘Inverlock’ mar a chanas muinntir Astrà ilia ris. Tha e air a’ chladach ann am Bhictoria. Tha am baile suidhichte aig beul cumhang loch-mara ris an canar ‘Anderson Inlet’. B’ e an t-Albannach, Samuel Anderson, a’ chiad Eòrpach a chaidh a dh’fhuireach anns an sgìre anns an naoidheamh linn deug. Do Ghà idheal, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall.
’S e a thug orm beachdachadh air a’ chuspair seo aithris mu fhèis Cheilteach a chaidh a chumail an-uiridh ann am Brisbane, prìomh bhaile Tìr na Banrigh. Thà inig daoine còmhla airson cultar nan ochd dùthchannan Ceilteach a chomharrachadh – ceòl, danns’ agus spòrs. Ochd dùthchannan? Seadh – Alba, Èirinn, a’ Chuimrigh, A’ Bhreatainn Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn – agus cuideachd Asturias agus Galicia.
Bha an fhèis ann am pà irc far a bheil carragh-cuimhne ann do na dùthchannan Ceilteach. Agus tha a’ phà irc ann an sgìre ris an canar Auchenflower. ’S e sin ainm Gà idhealach à Alba. Thuirt an fheadhainn a chuir an fhèis air dòigh gun robh e iomchaidh a cumail ann an à ite le ainm Ceilteach a tha a’ ciallachadh ‘field of flowers’.Ìý
Tha dà à ite ann an Alba air a bheil Auchenflower mar ainm. Tha iad san iar-dheas ann an seann Ghà idhealtachd Charraig agus Ghall-Ghà idhealaibh. Tha fear dhiubh deas air Cill Chuithbeirt no Kirkcudbright ann an Gall-Ghà idhealaibh. Tha an t-Suirbhidh Ã’rdanais a’ dearbhadh gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon Ghà idhlig Achadh nam Flùr ‘the field abounding in flowers’.Ìý
Tha am fear eile tuath air sin, ann an Carraig, sear air Baile na Trà gha no Ballantrae ann an Siorrachd Àir a Deas. ’S e oighreachd a bh’ ann a bha leis an teaghlach aig Tòmas Mac Ille Riabhaich no McIlwraith – seann ainm Gà idhealach a bhuineas do Charraig. Cheannaich Tòmas taigh ann am Brisbane ann an ochd ceud deug is ochdad (1880). Chuir e an t-ainm Auchenflower air. Bha Tòmas na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh.
Tha eachdraidh mhòr aig an taigh. Bha triùir phrìomhairean a’ fuireach ann mus deach a ghluasad, an toiseach gu taigh-tasgaidh fosgailte, agus an uair sin gu sgìre eile. Ach dh’fhà g e ainm Gà idhealach às a dhèidh – agus dualchas a tha iomchaidh airson fèis Cheilteach anns an latha an-diugh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Astrà ilia: Australia; fo-bhailtean: suburbs; Bhictoria: Victoria; carragh-cuimhne: memorial; Cill Chuithbeirt: Kirkcudbright; Baile na Trà gha: Ballantrae (‘beach town’); Siorrachd Àir a Deas: South Ayrshire; Tòmas Mac Ille Riabhaich: Thomas McIlwraith.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mhothaich mi gun robh à iteachan gu leòr ann: I noticed that there were many places; a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gà idheal: that carried a name that belonged to the heritage of the Gaels; nuair a chaidh am mòr-bhaile am meud: when the city expanded; ainm na h-oighreachd: the name of the estate; suidhichte aig beul cumhang loch-mara ris an canar X: situated at the narrow mouth of a sea loch called X; a’ chiad Eòrpach a chaidh a dh’fhuireach anns an sgìre anns an naoidheamh linn deug: the first European who went to live in the area in the nineteenth century; tha an t-ainm a’ dèanamh ciall: the name makes sense; ’s e a thug orm beachdachadh air a’ chuspair seo: what made me consider this subject; aithris mu fhèis Cheilteach a chaidh a chumail an-uiridh: a report about a Celtic festival that was held last year; prìomh bhaile Tìr na Banrigh: the capital of Queensland; gun robh e iomchaidh a cumail ann an à ite le ainm Ceilteach: that it was fitting that it be held in a place with a Celtic name; san iar-dheas ann an seann Ghà idhealtachd Charraig agus Ghall-Ghà idhealaibh: in the south-west, in the old Gà idhealtachd of Carrick and Galloway; bha Tòmas na Phrìomhaire: Thomas was the Premier; bha triùir phrìomhairean a’ fuireach ann mus deach a ghluasad, an toiseach gu taigh-tasgaidh fosgailte: three premiers lived in it before it was moved, initially to an open-air museum.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Achadh nam Flùr: literally ‘the field of the flowers’. In modern Gaelic we might call it ‘achadh nam ´Ú±ôù°ùaichean’ but this name, coined centuries ago, uses an older model (which still exists), in the which the genitive plural form of a noun is the same as the nominative singular form, as long as the final vowel is broad. It’s interesting how the Scots flooer (cf. English ‘flower’) gave us Gaelic ´Ú±ôù°ù which in this place-name (Auchenflower) has been reanglicised to flower.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chan eil an t-ainm agus coltas na tìre a’ tighinn a rèir a chèile mar a bhitheadh ann an Alba: the name and the appearance of the land are not aligned, do not concur as they would in Scotland.
Broadcast
- Sun 29 Jun 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.