Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1355
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1355. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 6 Jul 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1051
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1355
Duration: 05:00
Litir 1355: An Sgadan Glan
Dè th’ ann an sgadan glan agus sgadan salach? Clean herring agus dirty herring? Uill, chan eil e cho sìmplidh sin. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dè th’ ann ach, an toiseach, feumaidh mi innse dhuibh carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ chuspair seo.
Air mo bheulaibh, tha lethbhreac agam de sheann phà ipear. Chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). ’S e an t-ainm a th’ air ‘Directions for Taking and Curing Herrings; and for Curing Cod, Ling, Tusk and Hake’.Ìý
Chaidh fhoillseachadh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich no The Board of British Fisheries. ’S e an rud a tha iongantach mu dheidhinn gun robh e air eadar-theangachadh gu Gà idhlig. Tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chà nan, a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghà idhlig air an taobh dheas. ’S e an tiotal a th’ air ann an Gà idhlig ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan; agus air an Grèidhear an Trosg, an Langa, an Traille agus am Falmair’.Ìý
B’ e an t-ùghdar fear a bha rudeigin ainmeil ri a linn – An Ridire Tòmas Dic Lauder. Bha e na ‘Rùn-chlèireach’ aig Bòrd na h-Iasgaireachd – sin Secretary to the Fisheries Board. ’S e an t-Urr. Alasdair MacGriogair, Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach a rinn an t-eadar-theangachadh.
Tha e inntinneach gun robhar a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha e gum biodh an deagh chomhairle anns a’ phà ipear air a leughadh le iasgairean Gà idhealach. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gà idhlig a leughadh – gu h-à raidh Gà idhlig a’ Bhìobaill. Thug Gà idhlig a’ Bhìobaill buaidh mhòr air an eadar-theangadair. Mar sin, tha am pà ipear ann an stoidhle, agus le briathrachas, a tha rudeigin clasaigeach, gun a bhith ro dhualchainnteach.
Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil trì seòrsaichean sgadain ann – an sgadan glan, an sgadan salach agus an sgadan ruithte. Airson tuigsinn dè th’ ann an sgadan glan, feumaidh mi dà fhacal a mhìneachadh dhuibh. Tha iuchair a’ ciallachadh fish roe – na meanbh-uighean aig sgadain bhoireann – iuchair; agus tha mealg a’ ciallachadh milt – no sìol nan sgadan fireann; mealg.Ìý
’S e sgadan glan iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air an dealbhadh. Ach chan eil iad air an leasachadh cus. Chan eil iad ro mhòr. Ann am Beurla, canar maties riutha. Is iad sin na sgadain as fheà rr mar bhiadh.Ìý
’S e an sgadan salach, ge-tà , am fear as luachmhoire oir tha e a’ coimhead nas reamhra na ’n sgadan glan. ’S e sgadan salach iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air a leasachadh gu mòr. Ann am Beurla, canaidh daoine full fish riutha.
Tha treas seòrsa ann, agus ’s e sin an sgadan ruithte no spent fish. Tha iad air cladhachadh mu-thrà th. Tha sin a’ ciallachadh ‘they have already spawned’. Tha iad air cladhachadh. Chan eil iuchair no mealg annta tuilleadh. Tha iad a’ coimhead caol agus chan eil iad cho math mar bhiadh.Ìý
Sin agaibh na trì seòrsaichean a dh’aithnicheadh na Gà idheil ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Ma tha sibh fortanach gu leòr sgadan fhaighinn mar bhiadh, nach dèan sibh fhèin tomhas air – a bheil e glan, salach no ruithte?!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dùn Èideann: Edinburgh; Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich: Board of British Fisheries; An Ridire Tòmas Dic Lauder: Sir Thomas Dick Lauder; Rùn-chlèireach: Secretary; Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire: Assistant Minister in Kilmuir; briathrachas: vocabulary; as luachmhoire: most valuable; nas reamhra: fatter, plumper; treas seòrsa: third type.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chan eil e cho sìmplidh sin: it’s not that simple; feumaidh mi innse dhuibh: I must tell you; carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ chuspair seo: why I am considering this subject; tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chà nan: each page is divided between the two languages; a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghà idhlig air an taobh dheas: the English on the left side and the Gaelic on the right side; gun robhar a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha e: that it was understood how important it was; gum biodh an deagh chomhairle anns a’ phà ipear air a leughadh le iasgairean Gà idhealach: that the good advice in the paper was read by Gaelic-speaking fishermen; ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gà idhlig a leughadh: in the mid 19th century, many people were capable of reading Gaelic; thug Gà idhlig a’ Bhìobaill buaidh mhòr air an eadar-theangadair: Biblical Gaelic exerted a big influence on the translator; a tha rudeigin clasaigeach, gun a bhith ro dhualchainnteach: which is somewhat classical, without being too dialectal; ’s e X iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air an dealbhadh: X is a fish in which the roe or milt are formed; chan eil iad air an leasachadh cus: they are not too well developed; na sgadain as fheà rr mar bhiadh: the best herrings for eating; na trì seòrsaichean a dh’aithnicheadh na Gà idheil: the three types that the Gaels would recognise; nach dèan sibh fhèin tomhas air: won’t you (why not) estimate it?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan: directions for how the herring is caught and cured. Seòl means the manner of doing something or directions/guidance. It is the root for the word ²õ±ðò±ô²¹»å³ó which we use today for ‘address’. Glacar and ²µ°ùè¾±»å³ó±ð²¹°ù are future passive forms of the verbs glac ‘catch’ and grèidh ‘cure or preserve food’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha iad air cladhachadh mu-thrà th: they have already spawned.
Broadcast
- Sun 6 Jul 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.