Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1356

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1356. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 13 Jul 2025 13:55

Clip

Litir 1356: 'Falkirk' Mhoireibh

Bidh sibh eòlach air baile ris an canar Falkirk. Tha e suidhichte air a’ Mhachair Ghallta. ’S e An Eaglais Bhreac a chanas sinn ris ann an Gàidhlig. 

Ach an robh fios agaibh gun robh baile eile ann air an robh Falkirk mar ainm? ’S e baile-fearainn a th’ ann agus tha e air Bràigh Mhoireibh. Tha e beag agus car iomallach an coimeas ris an Eaglais Bhric air a’ Ghalltachd.

Thàinig mi tarsainn air Falkirk Mhoireibh nuair a bha mi a’ dèanamh rannsachadh air na sgrìobhaidhean aig Tòmas Dic Lauder. B’ esan an duine a sgrìobh pàipear mu iasgach an sgadain ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha mi ag innse dhuibh mu dheidhinn anns an Litir mu dheireadh.

Sgrìobh Lauder tòrr dhiofar rudan – ficsean agus cunntasan mu thachartasan agus eachdraidh. Am measg sin, bha cunntas mionaideach de na tuiltean ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829). Rinn na tuiltean sin sgrios uabhasach. 

Bha Lauder gu math eòlach air Moireibh. Chaidh e am measg nan uaislean agus nan tuathanach anns an sgìre sin an dèidh nan tuiltean. Fhuair e a-mach mun sgrios a rinn na h-aibhnichean is na h-uillt a bhris na bruaichean aca. Mar eisimpleir, chaill aon tuathanach trithead acaire de dh’fhearann – ann an àite far an robh e doirbh gu leòr bith-beò a dhèanamh co-dhiù.

Nuair a bha e a’ rannsachadh a’ ghnothaich, chuala Lauder naidheachd mu na madaidhean-allaidh mu dheireadh anns an sgìre. Bha dithis bhràithrean a’ fuireach ann am Falkirk, a bha ri taobh Abhainn Duibhidh. Bha fios aca gun robh saobhaidh aig na madaidhean-allaidh mu dheireadh ann am mòr-chlais faisg air Cnoc Bràigh Mhoireibh – eadar an taigh aca agus Loch nan Doirb. 

Dh’obraich na bràithrean còmhla. Thug iad sùil air an t-saobhaidh. Nuair a dh’fhalbh pàrantan nan cuileanan a-mach airson sealg, chaidh fear de na bràithrean a-steach don t-saobhaidh. Bha biodag aige. Chùm a bhràthair sùil a-mach air an taobh a-muigh, eagal ’s gun tilleadh na madaidhean-allaidh mòra. B’ esan am freiceadan.

Chuir am fear a bha am broinn na saobhaidh às do na cuileanan gu furasta. Ach mus d’ fhuair e a-mach, thill na madaidhean mòra. Ghabh am freiceadan eagal a bheatha romhpa agus theich e. Cha tug e eadhon rabhadh do a bhràthair gun robh na madaidhean mòra ann. 

Bha e air a nàrachadh mu na rinn e. Rinn e lotan air fhèin le a bhiodaig. Nuair a thill e dhachaigh, dh’inns e do mhuinntir an àite gun robh na madaidhean-allaidh air an dithis aca a lorg am broinn na saobhaidh. Bha sabaid ann agus mharbh na madaidhean a bhràthair.

Ge-tà, nuair a chaidh na daoine ann airson corp a bhràthar a thoirt dhachaigh, lorg iad e fhathast beò, ach air èiginn. Dh’inns e dhaibh mar a thachair. Thill na madaidhean mòra gun fhiosta dha. Ged a rinn e a’ chùis orra, chaidh a leòn gu dona. A rèir beul-aithris, chaidh a bhràthair, a bh’ air a thrèigsinn, a chrochadh gu bàs.

Nise, ged as e Falkirk a th’ air a’ bhaile mar ainm air na seann mhapaichean, ’s e Feakirk a chithear air mapaichean an latha an-diugh. Tha mi an dùil gu bheil e a’ tighinn bhon Ghàidhlig Fèith [na] Circe ‘the bog of the grouse’. Chanainn nach eil e ceangailte idir ri eaglais.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Tòmas Dic Lauder: Thomas Dick Lauder; madaidhean-allaidh: wolves; Abhainn Duibhidh: River Divie; saobhaidh: den; Loch nan Doirb: Lochindorb; cuileanan: pups; biodag: dirk; freiceadan: watchman, lookout.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: suidhichte air a’ Mhachair Ghallta: situated in the Central Belt of Scotland; ’s e baile-fearainn a th’ ann agus tha e air Bràigh Mhoireibh: it’s a farm and it’s in Braemoray [upland of Moray]; b’ esan an duine a sgrìobh pàipear mu iasgach an sgadain: he is the man who wrote the paper about herring fishing; ficsean agus cunntasan mu thachartasan agus eachdraidh: fiction and accounts of events and history; bha cunntas mionaideach de na tuiltean: there was a detailed account of the floods; am measg nan uaislean agus nan tuathanach: among the gentry and the farmers; mun sgrios a rinn na h-aibhnichean is na h-uillt a bhris na bruaichean aca: about the damage the rivers and burns that broke their banks did; chaill aon tuathanach trithead acaire de dh’fhearann: one farmer lost thirty acres of land; far an robh e doirbh gu leòr bith-beò a dhèanamh: where it was difficult enough to make a living; mòr-chlais faisg air Cnoc Bràigh Mhoireibh: a ravine near Knock of Braemoray; eagal ’s gun tilleadh na madaidhean-allaidh mòra: in case the adult wolves should return; ghabh am freiceadan eagal a bheatha romhpa agus theich e: the watchman was frightened by them and he fled; cha tug e eadhon rabhadh do a bhràthair: he didn’t even warn his brother; bha e air a nàrachadh mu na rinn e: he was ashamed of what he did; dh’inns e dhaibh mar a thachair: he told them what had happened; thill na madaidhean mòra gun fhiosta dha: the adult wolves returned without him knowing; chaidh a bhràthair, a bh’ air a thrèigsinn, a chrochadh gu bàs: his brother, who had abandoned him, was executed by hanging; chanainn nach eil e ceangailte idir ri eaglais: I’d say it is not connected in any way to a church.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: beag agus car iomallach an coimeas ris an Eaglais Bhric: small and somewhat remote compared to Falkirk. Eaglais is a feminine noun and femine nouns traditionally slenderise in the dative singular case (following a simple preposition like ‘ri’). Eaglais is already slender (the final vowel is an ‘i’) but the adjective bhreac, which has a broad final vowel, is slenderised to bhric.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: lorg iad e fhathast beò, ach air èiginn: they found him still alive, but only just.

Broadcast

  • Sun 13 Jul 2025 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast