Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1357

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1357. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Sun 20 Jul 2025 13:55

Clip

Litir 1357: Cidhe a' Chaisteil Ruaidh

A bheil sibh eòlach air Linne Fharair? The Beauly Firth – an linne-mhara eadar Drochaid Cheasaig agus A’ Mhanachainn, siar air Inbhir Nis.

Aig ceann an iar-thuath Linne Fharair, tha an Caisteal Ruadh. Bha mi ag innse dhuibh mu dheidhinn ann an Litrichean mìle, ceud is ceathrad (1140) agus mìle, ceud, ceathrad ’s a h-aon (1141). Aig a’ Chaisteal Ruadh, tha rudeigin annasach. ’S e cidhe a th’ ann, ach cidhe neo-àbhaisteach. Tha e caol, dìreach agus uabhasach fhèin fada. Tha e a’ stobadh a-mach gu muir, pìos mòr mòr bhon chladach.

An-uiridh, chaidh mi air chuairt gu ceann a-mach a’ chidhe. Tha e còmhdaichte an-diugh le feur agus iomadh lus fiadhain eile, agus tha an talamh gu math garbh. Ach tha e follaiseach mar a chaidh a thogail le mac an duine. Ann an cuid de dh’àiteachan tha na clachan spaideil. Bha iad air an dèanamh ann an cumadh ceàrnaichte a dh’aona-ghnothach. 

Ach carson a chaidh cidhe a thogail an sin? Chan eil an cladach glan idir. Tha oitirean ±ôà³Ù³ó²¹¾±³¦³ó a’ cuairteachadh a’ chidhe. Eadhon aig an làn, cha bhiodh doimhneachd mhòr uisge ann. Chanainn gun robhar a’ dreideadh slighe a leigeadh le bàtaichean no bàirdsean faighinn a-mach ’s a-steach don chidhe. Agus dè bha na soithichean sin a’ giùlan? Bha clach-ghainmhich ruadh bho chuaraidh faisg air a’ chidhe. Feumaidh gun robh a’ chlach luachmhor.

Tha, agus bha, clach bho chuaraidh a’ Chaisteil Ruaidh a’ nochdadh ann an grunn àiteachan ann an sgìre Inbhir Nis agus san Eilean Dubh. Am measg sin, tha a’ chathair-eaglais anns a’ Chananaich, an t-seann mhanachainn ann an Inbhir Nis, seann mhanachainn ’ic Shimidh agus an Caisteal Ruadh fhèin, a tha a-nise na thobhta.

Ach nuair a bhathar a’ togail thogalaichean ùra, gu tric bhite a’ cleachdadh chlachan bho sheann togalaichean. Is cinnteach gu bheil clach a’ Chaisteil Ruaidh ri lorg, mar sin, ann an iomadh togalach ann an Inbhir Nis.

Air na fìor sheann mhapaichean, chan eil sgeul air a’ chidhe. Ach tha e air a’ mhapa aig Aaron Arrowsmith a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a seachd (1807). Bha dà dhiofar bhuidheann an sàs ann a bhith ga thogail. 

Anns a’ chiad dol a-mach, nuair a bha feachdan pàrlamaideach Chrombail ann an Inbhir Nis ann am meadhan an t-seachdamh linn deug, thog iad dùn no citadel aig a’ chala. Fhuair iad clach airson sin bhon Chaisteal Ruadh. Agus thog iad an cidhe aig a’ Chaisteal Ruadh airson a’ chlach a thoirt a-null don làraich-thogail.

Aig toiseach an naoidheamh linn deug roghnaich an fheadhainn a bha a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich clach bhon Chaisteal Ruadh a chleachdadh airson sin. Agus leudaich iad an cidhe. Thog iad loidhne-rèile airson a’ chlach a thoirt don chidhe bhon chuaraidh. ’S e eich a bha a’ slaodadh nan carbadan. 

Aig an toiseach, bha an canàl ag aoidion. Anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug, bha clach bhon Chaisteal Ruadh air a cleachdadh airson obair-càraidh air ballachan a’ chanàil. Taobh a-staigh trithead bliadhna on uair sin, chaidh an cuaraidh a dhùnadh. Bha an cidhe air a chleachdadh airson greis mar raon-losgaidh aig na Ross-shire Volunteers. Ach a-nise, ’s e àite sìtheil a th’ ann a tha math airson coimhead air eòin.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Linne Fharair: Beauly Firth; An Caisteal Ruadh: Redcastle; cidhe neo-àbhaisteach: an unusual pier; doimhneachd: depth; a’ giùlan: carrying; clach-ghainmhich ruadh: red sandstone; san Eilean Dubh: on the Black Isle; feachdan pàrlamaideach Chrombail: Cromwell’s parliamentary forces; loidhne-rèile: railway; obair-càraidh: repair work; raon-losgaidh: firing range.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: an linne-mhara eadar Drochaid Cheasaig agus A’ Mhanachainn: the firth between the Kessock Bridge and Beauly; tha e a’ stobadh a-mach gu muir: it sticks out into the sea; chaidh mi air chuairt gu ceann a-mach a’ chidhe: I went for a walk to the far end of the pier; air an dèanamh ann an cumadh ceàrnaichte: made in a squared shape; chanainn gun robhar a’ dreideadh slighe: I would say that a route was [being] dredged; a leigeadh le bàtaichean no bàirdsean faighinn a-mach ’s a-steach: that would permit boats or barges to get in and out; a’ chathair-eaglais anns a’ Chananaich: the cathedral in Fortrose; seann mhanachainn ’ic Shimidh: the priory at Beauly; bhite a’ cleachdadh chlachan: stones would be used; bha dà dhiofar bhuidheann an sàs ann a bhith ga thogail: two different groups were involved in building it; airson a’ chlach a thoirt a-null don làraich-thogail: to take the stone over to the building site; roghnaich an fheadhainn a bha a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich clach bhon Chaisteal Ruadh a chleachdadh: those that were building the Caledonian Canal chose to use stone from Redcastle; leudaich iad an cidhe: they extended the pier; ’s e eich a bha a’ slaodadh nan carbadan: it’s horses that were pulling the carriages.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Tha oitirean ±ôà³Ù³ó²¹¾±³¦³ó a’ cuairteachadh a’ chidhe: banks of fine mud surround the pier. As the location is Ross-shire, I have given the Ross-shire pronunciation of ±ôà³Ù³ó²¹³¦³ó which is ±ôವ³ó²¹³¦³ó (this admittedly is from Wester Ross and I can’t be certain of how the word was pronounced on the Black Isle). As the word is (presumably) pronounced ±ôà³Ù³ó²¹³¦³ó in many places, this is the standardised spelling but dialectally it has become ±ôವ³ó²¹³¦³ó which is actually easier to say. The famous mountain Liathach in Wester Ross is locally pronounced Liaghach (or Liaghaich) for the same reason.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: an Caisteal Ruadh fhèin, a tha a-nise na thobhta: [The] Redcastle itself, which is now a ruin.

Broadcast

  • Sun 20 Jul 2025 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast