Main content
                
    Litir do Luchd-ionnsachaidh 1358
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1358. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
            Sun 27 Jul 2025
            13:55
        
        ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal
    More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1054
Clip
- 
                                            
            Litir do Luchd-ionnsachaidh 1358
Duration: 05:00
 
Litir 1358: Cailleach Bheag nam Bòcan
                Tha mi airson innse dhuibh mu Chailleach Bheag nam Bòcan. B’ e seo am far-ainm a bh’ aig muinntir Uibhist a Deas agus Èirisgeigh air tè a bhiodh a’ tadhal air na h-eileanan. Chaidh a far-ainm eadar-theangachadh mar ‘the little middle-aged lady who is preoccupied with ghosts’. Sin agaibh Cailleach Bheag nam Bòcan.
’S e an t-ainm ceart a bh’ oirre Ada Goodrich-Freer. Bha i beò anns an dà rna leth dhen naoidheamh linn deug, agus sa chiad phà irt dhen fhicheadamh linn. Bha i eòlach air sagart ainmeil Èirisgeigh, Mgr Ailein (Dòmhnallach). Nuair a bha esan a’ sgrìobhadh mu a deidhinn ann am Beurla, ’s e ‘lady of the ghosts’ no ‘the little lady’ a bha e a’ gabhail oirre.Ìý
Bha ùidh mhòr aig Freer ann an gnothaichean os-nà darrach. Chruinnich i beul-aithris ann an Tiriodh agus anns na h-Eileanan A-muigh a bha co-cheangailte ri gnothaichean nach b’ urrainn mìneachadh gu furasta – taibhsearachd is bòcain ’s a leithid sin.Ìý
Ach cha robh Gà idhlig aice. ’S e ban-Shasannach a bh’ innte. Ciamar a b’ urrainn dhi, ma-thà , beul-aithris a chruinneachadh bho eileanaich aig nach robh Beurla no aig an robh glè bheag dhith? Uill, le bhith a’ cleachdadh na chruinnich feadhainn eile – mar eisimpleir Mgr Ailein.
Bha Ada Goodrich-Freer an sàs ann am buidheann ris an canar Society for Psychical Research, an SPR. Bha iad a’ faighinn airgead bho Mharcas Bhòid. Fhuair Freer taic airgid airson a dhol do na h-eileanan airson rannsachadh a dhèanamh air gnothaichean os-nà darrach. Bha i ag innse do dhaoine gun robh sinnsearan aice on Ghà idhealtachd, ach cha robh. Cha robh i onarach mu eachdraidh a beatha fhèin.
Bha i an sà s ann an rannsachadh air taigh mòr ann an Siorrachd Pheairt, aig an robh cliù mar an taigh as motha ann an Alba air an robh tà bharnadh. Tha sin a’ ciallachadh gum biodh bòcain a’ tathaich an taighe nas trice na taigh sam bith eile ann an Alba. ’S e Taigh Bhail’ Eachainn an t-ainm a bh’ air an à ite. Tha Bail’ Eachainn ri taobh Uisge Tatha eadar Bail’ an Luig agus Obar Pheallaidh.Ìý
Ghabh an SPR an taigh air mhà l. Bha am fear leis an robh e a’ fuireach thall thairis. Bha seo ann an ochd ceud deug, naochad ’s a seachd (1897). Am measg nan daoine a chuir seachad ùine ann bha Mgr Ailein. Bha Freer eòlach air on a chaidh i a dh’Èirisgeidh agus Uibhist a Deas dà bhliadhna roimhe.,
Chualas fuaimean anns an taigh ach bha cuid dhen bheachd nach robh ann ach èadhar anns na pìoban-uisge! Sgrìobh Freer altan anns a’ phà ipear-naidheachd Tìm Lunnainn mu dheidhinn an rannsachaidh aice. Bha feadhainn dhen bheachd nach robh ann ach toradh a mac-meanmna.Ìý
Tha cuid dhen bheachd gun robh Freer eas-onarach agus gun do ghabh i brath air Mgr Ailein nuair a bha i anns na h-eileanan. Bha an sagart measail oirre agus thug e dhi cuid de na leabhrannan aige anns an do rinn e notaichean mu thachartasan annasach. Chleachd Freer tòrr dhen stuth aige gun a bhith ag innse gur ann bhuaithe a thà inig e. Dh’fhà s i cliùmhor – airson greis co-dhiù, mus do thuig daoine gun robh i air brath a ghabhail air an t-sagart.Ìý
Anns an ath Litir, bheir sinn sùil air eisimpleirean dhen bheul-aithris a chruinnich Mgr Ailein fhèin.

Faclan na Litreach
                Faclan na Litreach: os-nàdarrach: supernatural; Tiriodh: Tiree; na h-Eileanan A-muigh: the Outer [Western] Isles; ban-Shasannach: an English woman; Marcas Bhòid: the Marquis of Bute; altan: articles; Tìm Lunnainn: The Times of London.
            
        Abairtean na Litreach
                Abairtean na Litreach: am far-ainm a bh’ aig muinntir Uibhist a Deas agus Èirisgeigh air tè a bhiodh a’ tadhal air na h-eileanan: the nickname that the people of South Uist and Eriskay had for a woman who would visit the islands; bha i eòlach air sagart ainmeil Èirisgeigh, Mgr Ailein (Dòmhnallach): she knew the famous Eriskay priest, Father Allan (McDonald); nach b’ urrainn mìneachadh gu furasta: that could not be easily explained; taibhsearachd is bòcain ’s a leithid sin: the second sight and ghosts and things like that; bho eileanaich aig nach robh Beurla no aig an robh glè bheag dhith: from islanders who spoke no English or only a little [of it]; gun robh sinnsearan aice on Ghàidhealtachd: that she had ancestry from the Highlands; cha robh i onarach mu eachdraidh a beatha fhèin: she wasn’t honest about her own history; gum biodh bòcain a’ tathaich an taighe nas trice na taigh sam bith eile: that ghosts would haunt the house more often than any other house; tha Bail’ Eachainn ri taobh Uisge Tatha eadar Bail’ an Luig agus Obar Pheallaidh: Ballechin is next to the River Tay between Ballinluig and Aberfeldy; ghabh X an taigh air mhàl: X rented the house; chualas fuaimean: noises were heard; bha feadhainn dhen bheachd nach robh ann ach toradh a mac-meanmna: some folk reckoned it was just the product of her imagination; gun do ghabh i brath air X: that she took advantage of X; bha an sagart measail oirre: the priest liked her; thug e dhi cuid de na leabhrannan aige: he gave her some of his notebooks.
            
        Puing-chà nain na Litreach
                Puing-chànain na Litreach: ’S e Taigh Bhail’ Eachainn an t-ainm a bh’ air an àite: the place was called Ballechin House. Ballechin is pronounced similarly to Bail’ Eachainn (with the emphasis on the personal name) which means ‘Eachann’s farm/dwelling’ or ‘Hector’s farm/dwelling’, Hector being commonly used as an anglicised form of Eachann. The Gaelic scholar Charles M Robertson, a native of Perthshire, tells us that Eachann was a son of King James II and an ancestor of later proprietors of the house (which was demolished in the 1960s, although outbuildings remain to this day).
            
        Gnà thas-cainnt na Litreach
                Gnàthas-cainnt na Litreach: an taigh as motha ann an Alba air an robh tàbharnadh: the most haunted house in Scotland.Ìý
            
        Broadcast
- Sun 27 Jul 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
- 
                                        
            Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.