Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachad le Cathy NicDhòmhnaill
Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Chaidh an duine aig Svetlana Tikhanovskaya, ceannard pàrtaidh-dùbhlain Bhelarus, a shaoradh gu h-obann an t-seachdain sa chaidh an cois triùir duine deug eile a bha nam prìosanaich poileataigeach. Bha Sergei Tikhanovsky glaiste na aonar fad còig bliadhna anns a' phrìosan as tèarainte san dùthaich. Mìnichidh an tè-naidheachd, Anna NicLeòid, carson a bha Sergei sa phrìosan agus carson a chaidh a shaoradh an-dràsta.

Air Latha Chanada cluinnidh sinn bho dhithis a bhuinneas don dùthaich mu dè dìreach a tha an latha a' ciallachadh dhaibhsan.

Tha còig bliadhna fichead bho dh'fhosgail a' London Eye agus 's iomadh neach a ghabh cuairt air san ùine a tha sin. Ach carson a tha an leithid cho tarraingeach do chuid? Gheibh sinn beachd bho thriùir agus innsidh iad mu thurais a ghabh iad fhèin 's air a bheil cuimhne mhath aca fhathast.

Gach Dimàirt, bidh aoigh a' taghadh dithis dhaoine à eachdraidh a tha iad am beachd a tha airidh air urram. An-diugh, tha Eardsaidh MacIlleathain air taghadh dithis gu math eadar-dhealaichte - Dòmhnall Ruadh Choruna agus Muhammed Ali.

57 minutes

Last on

Tue 1 Jul 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 1 Jul 2025 09:00
  • Tue 1 Jul 2025 22:25