Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè an tarraing a th' ann an turasan spaideil air an trèana? What's the attraction of luxury train trips?

Cha bhith trèana shònraichte ann dhan an teaghlach rìoghail tuilleadh - atharrachadh mòr bho nuair a bha carbadan trèana spaideil, sònraichte air a chumail dhaibh. Ach dè an tarraing a th' ann an turasan air trèanaichean leòmach, spaideil? Sin a' cheist a th' aig Cathy do thriùir a tha gu math measail air trèanaichean: Marc Wringe, Michelle NicNeacail, agus Alasdair MacCaluim, dà cheud bliadhna bho thòisich turasan trèana do luchd-siubhail.

'S iomadh banais bhrèagha a bhios air a chumail tro mhìosan an t-samhraidh - agus 's iomadh deasbad cuideachd mu cò gheibh, is cò nach fhaigh, cuireadh. Le banais air leth daor aig Jeff Bezos ann am Venice aig an deireadh sheachdain, tha Cathy a' beachdachadh is a' cuimhneachadh air trioblaidean is argamaidean nan cuiridhean bainnse. Saoil dè bheachd a th' aig Annabel NicIlleFhinnein, is a màthair Lena NicIlleFhinnein - agus dè an diofar eadar bainnsean dà ghinealaich?

Agus 's i Iseabail NicAonghais cèiliche na seachdain. Ged a tha i na nurs agus na eòlaiche air tinneas Lyme na obair latha, tha Iseabail cuideachd na cathraiche air Ceòlas - is an fhèis a' comharrachadh 30 bliadhna bho thòisich e am-bliadhna.

57 minutes

Last on

Wed 2 Jul 2025 22:25

Broadcasts

  • Wed 2 Jul 2025 09:00
  • Wed 2 Jul 2025 22:25