
Finlay J ann an còmhradh ri Cairistìona NicDhòmhnaill
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
Cha bhi mòran Ghà idheil a bha beò sna 70an aig nach bi cuimhne air na teipichean 's na clà ran aig Donnie 'Large' Dòmhnallach nuair a nochd iad, len ceòl beòthail ‘s òrain ùra Gà idhlig, agus ‘s i mà thair Donnie, Cairistìona NicDhòmhnaill a sgrìobh mòran dhe na sheinn e. Bha i ann an còmhradh ri Finlay J ann an 1977.
On radio
Broadcasts
- Mon 21 Jul 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 Jul 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal