
Finlay J ann an còmhradh ri Eà irdsidh Grannd
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
Rugadh Èairdsidh Grannd ann an 1902 agus bha e a’ seinn bho bha e na bhalachan òg, ach b’ ann eadar an dà chogadh a rinn e ainm dha fhèin an toiseach mar shà r sheinneadair Gà idhlig. Rinn e suas ri deich air fhichead clà r singilte le Beltona agus an uair sin Parlophone. Ach a thuilleadh air a ghibht seinn bha e cuideachd air leth sgileil air fuinn a chur air òrain, dha fhèin ‘s do dhaoin’ eile. Bha Èairdsidh Grannd ann an còmhradh ri Finlay J ann an 1978.
On radio
Broadcasts
- Mon 28 Jul 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Jul 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Aug 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal