Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ris an Urr Ruairidh Moireasdan bho 2008

Seirbheis còmhla ris an Urr Ruairidh Moireasdan nach maireann, bho 2008. Gaelic religious service with the late Rev Roderick Morrison from 2008.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 42: 1-2 air fonn Glencairn agus ‘s e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 36: 8-9 air fonn Martyrdom agus ‘s e Dòmhnall MacAmhlaigh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Chuimhneachaidh Rois ann an Dail Mhoire.
Salm 23: 5-7 air fonn Evan agus ‘s e Iain G Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Àrd Eaglais Steòrnabhaigh.

Leughadh : 2 Leabhar Shamueil 23: 14-17

Rugadh is thogadh Ruairidh Moireasdan ann an Uibhist a Tuath. Dh'fhàg e an sgoil aig 15 bliadhna 's chaidh e a Ghlaschu a thoirt a-mach an dreuchd aige mar shaor. Thàinig atharrachadh na bheatha nuair a bha e 21 's e dol gu danns'. Dh'fhairich e gun robh Dia dha ghairm gu bhith a' searmonachadh 's chuir e 3 bliadhna seachad ann an sgoil oidhche 'son foghlam aig àrd ire fhaighinn. Às dèidh sin, rinn e MA agus BD.

Bha an t-Urr Moireasdan na mhinistear an toiseach air coitheanal Chàrinis an Uibhist a Tuath. Fhuair e an uair sin gairm gu coitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh agus bha e an sin bho 1981-1994. Às dèidh sin ghluais e a Ghlaschu far an robh e os cionn coitheanal Sràid Ghardner airson còrr air 13 bliadhna.

Bha e pòsta aig Chris Ann à Ùige, Leòdhas 's tha dithis a theaghlach aca, Derek agus Muriel.

Leig e dheth a dhreuchd ann an 2008 agus thill e air ais a Leòdhas agus bha e a' searmonachadh tric ann an diofar choitheanalan. Bha Mgr Moireasdan 50 bliadhna na mhinistear ann an 2023. Bhasaich e sa Chèitein am-bliadhna.

30 minutes

Last on

Sun 27 Jul 2025 21:00

Broadcast

  • Sun 27 Jul 2025 21:00