An t-Urr Murchadh MÃ rtainn, An Eaglais Shaor,1989
Seirbheis bho 1989 còmhla ris an Urr Murchadh Mà rtainn (nach maireann) bhon Eaglais Shaor. Gaelic archive service from 1989 conducted by the late Rev Murdo Martin, Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 133: 1-2 air fonn Montrose agus os cionn na seinn tha Ailig MacÃŒomhair le taic bho choitheanal Eaglais Chille-Mhoire san Eilean Sgitheanach.
Salm 132: 3-5 air fonn Torwood agus os cionn na seinn tha Dòmhnall MacLeòid le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road.
Salm 122 : 7-9 air fonn New Cambridge agus os cionn na seinn tha Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Leughadh: Salm 132 -133
Ceann-teagaisg: Salm 133: 3
Rugadh an t-Urr. Murchadh Mà rtainn ann an Àiridh a’ Bhruaich ann an Eilean Leòdhais ann an 1919. B’ e am balach a bu shine aig Dòmhnall agus Mà iri Mhà rtainn. B' e geamair a bha na athair air oighreachd ionadail anns an sgìre.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhurchaidh ann an 1937. Bha buaidh mhòr aig na searmonan aig an Urr. Murchadh MacRath à Ceann an Loch air agus gu dearbha air iomadach balach òg eile anns an sgìre leithid an t-Urr. Coinneach MacAoidh agus an t-Urr. Alasdair MacPhà rlain.
Chaidh Murchadh a ghairm dhan chogadh ann an 1939 agus chaidh e dhan Chabhlach Rìoghail far an robh e stèidhichte ann an Nirribhidh agus an sàs anns na convoys ann an Ceann a Tuath a' Chuain Shiair. Aig deireadh a’ chogaidh chaidh e gu Colaiste Skerries agus Oilthigh Dhùn Èideann airson e fhèin a dheasachadh airson Colaiste na h-Eaglaise Saoire agus e a' toirt a-mach dreuchd ministeir.
Chaidh Mgr. Mà rtainn a phòsadh ris a' chiad choitheanal ann an 1952 ann an Eaglais Shaor Dhaothal ann an Drochaid Charra faisg air Inbhir Nis. B' e à ite air leth iomallach a bha seo anns na leth-cheudan agus bha tòrr dhuilgheadasan aige a’ faighinn timcheall air a’ choitheanal seo. A’ bhliadhna às dèidh sin, phòs Mgr Mà rtainn Catriona NicÌomhair, nighean le ministear Eaglais Shaor Shiaboist aig an à m. Nuair a bha e na mhinistear ann an Daothal bha e na bhall air Comataidh Foghlaim Chomhairle Sgìreil Inbhir Nis. Fhad 's a bha iad ann an Daothal rugadh triùir mhac dhaibh: Ìomhair (a tha na mhinistear san Eaglais Shaor), Donaidh (nach maireann) agus Kendon.
Ghluais Mgr. Mà rtainn agus a theaghlach gu Pà islig ann an 1962. B' e paraiste gu math eadar-dhealaichte a bha seo, ach cha robh e fada gus an do leudaich e an coitheanal agus an t-uabhas de theaghlaichean òga a' frithealadh na h-eaglaise. Thà inig grunn phearsachan eaglais a-mach às a' pharaiste seo thar nam bliadhnaichean.
Fhad 's a bha Mgr. Mà rtainn na mhinistear anns an sgìre bha e gu mòr an sà s anns a' chomataidh a bha a’ coimhead à s dèidh Maxwell House agus Whiteinch ÃÛÑ¿´«Ã½s.
Leig e dheth a dhreuchd ann an 1982 agus thà inig iad a dh’fhuireach a Bhrà gar air taobh siar Eilean Leòdhais. B' e Mgr Mà rtainn a' chiad pearsa eaglais (chaplain) a bh’ aig Ospadal Steòrnabhaigh. Gu mì-fhortanach cha robh e a’ cumail cho math agus b’ fheudar dhaibh gluasad gu tìr-mòr 's chaidh iad a dh’fhuireach a dh’Inbhir Nis. Chaill iad an dà rna mac Donaidh ‘s thug seo buaidh mhòr air a shlà inte cuideachd.
Bhà saich Mgr. Mà rtainn ann an Cameron House san Dà mhair 2007.
Last on
More episodes
Next
Broadcast
- Sun 24 Aug 2025 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal