Episode details

Expires on Tuesday 2:30pm
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas: Salm 40: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil. Salm 57: 1 air fonn Martyrdom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh. Salm 62: 6-7 air fonn St Mary agus ‘s e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh. Leughadh: Mata 7: 12-29 Mata 7: 13 & 14 'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair. Bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodarà tair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011. Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh. Leig Mgr MacÌomhair dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Stèornabhaigh san Ògmhios an-uiridh.
Programme Website