Còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair, an Eaglais Shaor. Gaelic service conducted by retired Stornoway Free Church Minister, Rev James MacIver.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil.
Salm 57: 1 air fonn Martyrdom agus ‘s e Seonaidh MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 62: 6-7 air fonn St Mary agus ‘s e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Leughadh: Mata 7: 12-29
Mata 7: 13 & 14
'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair. Bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodarà tair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.
Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf agus a' leughadh.
Leig Mgr MacÌomhair dheth a dhreuchd mar mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Stèornabhaigh san Ògmhios an-uiridh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 5 Oct 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Oct 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal