Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill agus an t-Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
‘S iad dithis a bha nam prìosanaich san Dà rna Cogadh a th’ againn a seo ‘s iad ann an còmhradh ri Fionnlagh.
An toiseach am bà rd ‘s an sgrìobhaiche Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn an Aoirein an Uibhist a Deas. Bha e sna Camshronaich nuair a chaidh a ghlacadh aig aois bliadhna air fhichead, ‘s air a mharch dhan Ghearmailt sgrìobh e a bhardachd Na Gillean Nach Maireann, dhaibhsan a bha air tuiteam roimhe aig Abbeyville, mar a thuirt e fhèin, 'Gillean grinn an tùs an òige'.
Sgrìobh gach cuid Dòmhnall Iain agus an t-Ollamh Urramach Murchadh Eòghainn Dòmhnallach às na Hearadh cunntas air na thachair dhaibh sa chogadh - Dòmhnall Iain sa leabhar aige a Fo Sgà il a Swastika agus Murchadh Eòghainn sa leabhar aigsesan, Padre Mac. Chaidh Murchadh Eòghainn a ghlacadh nuair a bha e na pharatrooper an ceann a Tuath Afraga ann an 1942. Bha e na mhinistear am Port Rìgh ron a chogadh agus mu dheireadh bha e na Ollamh an Colaiste na Trianaid an Glaschu.
Bha iad le chèile ann an còmhradh le Finlay J ann an 1984.
Last on
Broadcasts
- Mon 11 Aug 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Aug 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Aug 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal