Dòmhnall Dòmhnallach agus Mgr Iain Caimbeul
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
'S iad dithis a rugadh an Èirisgeidh air an aon bhliadhna, 1912 a th' againn dhuibh a seo.
‘S e a’ chiad fhear am ma’-sgoile, Domhnall Dòmhnallach às na Haun an Èirisgeidh. A thuilleadh air a bhith na mhaighistir-sgoile, bha e a’ sà s, mar a chluinneas sinn, ann am mòran a bha dol sa choimhearsnachd. Chaidh Bonn Jubilee Airgid na Banrigh a bhuileachadh air ann an 1977. Agus a thuilleadh air a bhith ri bà rdachad, na oileanach chruinnich e beul-aithris an Èirisgeidh agus an Uibhist do Cholaiste na Trianaid am Bail’ Ath Cliath agus dhan Chomann Gà idhealach. Bha e a’ bruidhinn ri Finlay J ann an 1984.
B’ e Mgr Iain Caimbeul a’ chiad sagart a thà inig à Èirisgeidh agus shiubhal e an saoghal na mhanach ‘s na shagart. Stiùir e còrr air dà cheud taistealach dhan Fhearann Naomh, sgrìobh e leabhar air Slighe na Croise agus sgrìobh e cuideachd iomadh artaigil mu à itichean naomh. Thairis air còig bliadhna fichead chùm e iomadh aifrionn Gà idhlig ann a Lunnainn. Bha Mgr Caimbeul ann an còmhradh ri Finlay J ann an 1985.
Last on
Broadcasts
- Mon 18 Aug 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Aug 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Aug 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal