Hiort is Tarasaigh
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
'S ann air dà eilean a tha sùil Finlay J sna còmhraidhean a th’ againn dhuibh a seo: Hiort agus Tarasaigh.
Rugadh agus thogadh Finlay J ann a Sgarasta sna Hearadh, ach mar a bha tric a’ tachairt, cha robh e riamh air a bhith air an eilean a bha mu choinneimh a’ bhaile nuair a bha e a’ còmhradh ris an Urramach Cailean MacChoinnich, a rugadh ‘s a thogadh air an eilean, ann an 1979.
B’ ann an 1974 a dh’fhà g na daoine Tarasaigh ach b’fheudar do mhuinntir Hiort cùl a chur ris an eilean acasan ann an 1930. Ann an 1949 fhuair Finlay J cothrom còmhraidh le Anna NicIllÌosa a dh’fhà g Hiort le a mac, Iain - a bh’ air a bhean agus a nighean a chall ‘s i ri saothair chloinne an Glaschu goirid ron a sin - agus a h-ogha, Tormod. Fhuair i dachaigh às dèidh sin sa Mhorbhairne, far a robh Finlay J a' bruidhinn rithe ann an 1949.
Last on
Broadcasts
- Mon 25 Aug 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Aug 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 31 Aug 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal