Am Breve agus Murchadh MacFhearghais
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
‘S iad dithis a bha gu math aithnichte ann an dà shaoghal eadar-dhealaichte a th’ againne a seo 's iad ann an còmhradh ri Finlay J.
Bha Seòras Mòireasdan à Tolastadh bho Thuath, neo ‘Am Breve’, a’ sgrìobhadh colbh do Ghasaet Steòrnabhaigh airson faisg air leth-cheud bliadhna air a robh na 'Brevities', a bha a’ toirt sùil gheur air Leòdhas agus saoghal nan Gà idheal. B’ e maighistir-sgoile an obair-là bh’ aige agus e air ceum a dhèanamh ann a Greugais ‘s Laideann.
Fhuair e facal cuideachd air an t-seinneadair, an einnsinnear ‘s am fear-gnothaich aig a robh a’ chompanaidh Gaelfonn, Murchadh MacFhearghais à Port Bhollair sa Rubha a Leòdhas.
Bha iad le chèile ann an còmhradh ri Finlay J ann a Facal ri Fionnlagh ann an 1984.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 1 Sep 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Last Wednesday 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal