Finlay J ann an còmhradh ri Ailean MacIllEathain
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
A seo ‘s e seinneadair eile a tha fon phrosbaig aige - Ailean MacIllEathain neo Ailean a’ Mhissionary mar a chanadh iad ris ann a Leòdhas. Fhuair Ailean am bonn òr ann an 1931 agus bha fèill mhòr air aig ceilidhean eadar Glaschu ‘s Dùn Èideann agus iomadach à it’ eile. Bho thòisich craoladh a-mach à Glaschu bha e na luib na chleasaiche agus a thuilleadh air a sin bhiodh e a’ sgrìobhadh òrain. Bhiodh e cuideachd a’ cur a-mach na loidhne an Eaglais Shaor Ghrianaig. Ann an 1978 chaidh Finlay J a cheilidh air na dhachaigh ann an Grianaig.
On radio
Broadcasts
- Monday 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Yesterday 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal