Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Finlay J ann an còmhradh ri Iain MacLachlainn

A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.

Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gàidhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.

Stèidhich e Comann Dràma na Gàidhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm.

Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gàidhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.

San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.

‘S ceòl a’ bhucais a tha fa-near dha san leth-uair sa. Tha 30 bliadhna bho bhàsaich Iain MacLachlainn ach tha an ceòl aige a cheart cho ùr an-diugh ‘s a bha e ann an 1978, nuair a chaidh e a Ghlaschu agus a chluich e agus a bhruidhinn e ri Finlay J. Ach a thuilleadh air a’ bhucas bha e cuideachd air an fhìdhill a thogail sna 70an agus cluinnidh sinn e dha cluich airson a’ chiad uair air radio a seo.

Release date:

30 minutes

Broadcasts

  • Monday 15:30
  • Next Wednesday 20:00
  • Sun 21 Sep 2025 10:00