
Finlay J ann an còmhradh ris an Urr Tormod Domhnallach
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gà idhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Drà ma na Gà idhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghà idhlig, Gairm.
Nuair a bhà saich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gà idhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghà idhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
A seo ‘s e ministear, an t-Urramach Tormod Dòmhnallach à Bhaltos a Staffain san Eilean Sgitheanach, a bha na chuideachd, ministear a chur seachad ùine a’ searmonachadh an Canada, an Glaschu agus ann an coitheanalan air feadh na Gà idhealtachd ‘s nan eilean. B’ ann an Cà irinis an Uibhist a Tuath a bha an coitheanal aige nuair a leig e seachad a dhreuchd ann an 1972. Bha ùidh mhòr aige cuideachd anns an t-saoghal os-nà darra, a’ sgrìobhadh leabhraichean agus artaigilean air a’ chuspair, a thuilleadh air gnothaichean na h-eaglaise. Bha e a' còmhradh ri Finlay J ann an 1978.
On radio
Broadcasts
- Mon 22 Sep 2025 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Sep 2025 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Sep 2025 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal