Main content
Sorry, this episode is not currently available

Eachdraidh Eaglais Chaluim Chille

A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.

Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gàidhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.

Stèidhich e Comann Dràma na Gàidhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm.

Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gàidhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.

San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.

Sa phrògram mu dheireadh chuala sinn Finlay J ann an còmhradh ris an Urramach Tormod Dòmhnallach, a bha aig aon àm na fhear-cuideachaidh a’ searmonachadh ann an Eaglais Chaluim Chille, eaglais Ghàidhlig Ghlaschu, mun cluinn sinn aig Fionnlagh a seo. Dhùin an eaglais ann am 2021 agus chaidh a reic bhon uair sin agus planaichean ann airson ionad-ciùil a dhèanamh dhith. Ann an 1977 thug Finlay J sùil air eachdraidh inntinneach na h-eaglais ainmeil seo an Glaschu.

30 minutes

Last on

Sun 5 Oct 2025 10:00

Broadcasts

  • Mon 29 Sep 2025 15:30
  • Wed 1 Oct 2025 20:00
  • Sun 5 Oct 2025 10:00