ÃÛÑ¿´«Ã½

Use ÃÛÑ¿´«Ã½.com or the new ÃÛÑ¿´«Ã½ App to listen to ÃÛÑ¿´«Ã½ podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Episode details

Radio nan Gàidheal,17 Nov 1977,30 mins

Eachdraidh Eaglais Chaluim Chille

A' Cuimhneachadh Finlay J

Expires on Tuesday 9:30am

Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander. Stèidhich e Comann Dràma na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm. Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile. San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC. Sa phrògram mu dheireadh chuala sinn Finlay J ann an còmhradh ris an Urramach Tormod Dòmhnallach, a bha aig aon àm na fhear-cuideachaidh a’ searmonachadh ann an Eaglais Chaluim Chille, eaglais Ghàidhlig Ghlaschu, mun cluinn sinn aig Fionnlagh a seo. Dhùin an eaglais ann am 2021 agus chaidh a reic bhon uair sin agus planaichean ann airson ionad-ciùil a dhèanamh dhith. Ann an 1977 thug Finlay J sùil air eachdraidh inntinneach na h-eaglais ainmeil seo an Glaschu.

Programme Website
More episodes