Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1362

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1362. Roddy Maclean reads this week's letter for ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ learners.

6 days left to listen

5 minutes

Last on

Sun 24 Aug 2025 13:55

Clip

Litir 1362: Am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin

An latha eile, bha mi a’ coimhead prògram telebhisein air a bheil mi rudeigin measail. ʼS e sin an Repair Shop. Bidh daoine a’ toirt innealan no dealbhan no leabhraichean ann ma tha iad feumach air càradh. ʼS e prògram laghach a th’ ann.

Ged a tha a’ bhùth-obrach aca stèidhichte ann an ceann a deas Shasainn, bidh iad air an rathad uaireannan – gu àiteachan eile anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, o chionn ghoirid, bha iad ann an Siorrachd Pheairt.

Nuair a bha iad ann, thàinig càraid phòsta thuca le seann leabhar-ciùil a bha feumach air càradh. Bha an leabhar uaireigin le pìobaire a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug – am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e ann an rèisimeid an Fhreiceadain Duibh. 

ʼS e an rud a thog m’ aire mu dheidhinn gun robh teacsa an leabhair ann an ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ. Nise, chan eil mi cinnteach an robh barrachd na tiotalan nam port ann an ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ, ach bha sin ann co-dhiù. Cha chreid mi gun robh Beurla sam bith anns an leabhar.

Bha mi airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu Dhòmhnall MacIlleBhàin, no Donald Bain ann am Beurla. Bha cuid de na sinnsirean aige an sàs ann am Blàr Chùil Lodair – tha mi an dùil air taobh an Riaghaltais. Rugadh Dòmhnall ann an Gallaibh ann an ochd ceud deug is naoi-deug (1819). Tha cuid de na cunntasan mu dheidhinn ag ainmeachadh Inbhir Ùige mar àite-breith. Tha feadhainn eile ag ainmeachadh Taigh ʼan Ghròt. Co-dhiù, rugadh e ann an sgìre far nach robh mòran ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ ga bruidhinn. Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach robh an cànan aige na òige.

Nuair a bha e òg, bha Dòmhnall na chìobair. An uair sin, ghabh e àite anns an arm. Bha e thall ann an Ameireagaidh a Tuath agus anns na h-Innseachan. Ach dh’fhàs e ainmeil airson a sheirbheis ann an Crimea. Bha armailt aig na Breatannaich agus na Frangaich a’ sabaid an aghaidh nan Ruiseanach a bha a’ dìon a’ phuirt ainmeil air a bheil Sevastopol.

Bha batail ainmeil aig Abhainn Alma, tuath air Sevastopol. Rinn na Breatannaich agus na Frangaich a’ chùis. Agus am measg na chunnacas air blàr a’ bhatail, bha Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e a’ seinn na pìoba, eadhon ged a bha e ann an suidheachadh cunnartach. An dèidh sin, ghabh cuid ‘Gaisgeach na h-Alma’ air. 

Bha e cho ainmeil aig an àm sin, ʼs gun deach urram mòr a thabhann dha – Pìobaire Pearsanta don Bhanrigh Bhictoria. Leig Dòmhnall an cothrom sin seachad, ge-tà, oir bhathar ag iarraidh fear nach robh pòsta. Agus bha Dòmhnall am beachd bean a ghabhail.

Bha e fìor mhath mar phìobaire agus bhiodh e a’ seinn na pìoba aig cuirmean air feadh Bhreatainn. Chaidh carragh-chuimhne don Fhreiceadan Dubh a thogail ann an Obar Pheallaidh. Nuair a bha cuirm-fhosglaidh ann, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), ’s e Dòmhnall MacIlleBhàin an riochdaire a bu shine aig an rèisimeid a bha an làthair. 

Anns an earrainn mu dheireadh de a bheatha, bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Dùn Dè. Bha e an sàs gu mòr ann an còmhlan pìoba an sin. Chaochail e ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Taobh Sear Dhùn Dè le làn-urram an airm – mar a bha iomchaidh do ghaisgeach cogaidh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: An Rìoghachd Aonaichte: The United Kingdom; Siorrachd Pheairt: Perthshire; càraid phòsta: married couple; leabhar-ciùil: music book; rèisimeid an Fhreiceadain Duibh: The Black Watch regiment; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Taigh ʼan Ghròt: John O’ Groats; armailt: armoured force, army; Gaisgeach na h-Alma: the Hero of the Alma; Dùn Dè: Dundee; còmhlan pìoba: pipe band.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: air a bheil mi rudeigin measail: of which I am somewhat fond; ma tha iad feumach air càradh: if they are in need of repair; le pìobaire a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug: owned by a piper who was famous in the 19th century; am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin: Pipe Major Donald Bain; barrachd na tiotalan nam port: more than the titles of the tunes; ag ainmeachadh Inbhir Ùige mar àite-breith: name Wick as his birthplace; bha Dòmhnall na chìobair: Donald was a shepherd; thall ann an Ameireagaidh a Tuath agus anns na h-Innseachan: over in North America and in India; dh’fhàs e ainmeil airson a sheirbheis ann an Crimea: he became famous for his service in Crimea; rinn na Breatannaich agus na Frangaich a’ chùis: the British and French were victorious; leig Dòmhnall an cothrom sin seachad, ge-tà: Donald declined that opportunity, however; oir bhathar ag iarraidh fear nach robh pòsta: because they were looking for a bachelor; bha Dòmhnall am beachd bean a ghabhail: Donald was considering taking a wife; bhiodh e a’ seinn na pìoba aig cuirmean air feadh Bhreatainn: he would play the pipes at events throughout Britain; chaidh carragh-chuimhne don Fhreiceadan Dubh a thogail ann an Obar Pheallaidh: a memorial to the Black Watch was erected in Aberfeldy; ’s e X an riochdaire a bu shine aig an rèisimeid a bha an làthair: X was the oldest representative of the regiment who was present; chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Taobh Sear Dhùn Dè: he was buried in the Eastern Cemetery in Dundee; làn-urram an airm: full military honours; mar a bha iomchaidh do ghaisgeach cogaidh: as befitted a war hero.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: far nach robh mòran ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ ga bruidhinn: where not much Gaelic was spoken. This is a passive structure which you will meet occasionally. The verbal noun is not lenited because ³Òྱ»å³ó±ô¾±²µ is a feminine singular noun. A plural example would be: far nach robh mòran chànanan gam bruidhinn ‘where not many languages were [being] spoken’.Ìý

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: am measg na chunnacas: among what was seen.

Broadcast

  • Sun 24 Aug 2025 13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast