Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1363
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1363. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 31 Aug 2025
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1059
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1363
Duration: 05:00
Litir 1363: CÃ l Chataibh
Ann an Litir mìle, ceud ʼs a dhà -dheug (1,112) bha mi ag innse dhuibh mun dà sheòrsa cà il a bha mi a’ fàs anns an leas agam. ’S iad sin an cà l buan no perennial kale agus an cà l ceairsleach no curly kale. Tha an cà l buan fhathast agam ach an à ite a’ chà il cheairslich, tha mi air seòrsa eile a chur am-bliadhna. Agus ʼs e seòrsa a th’ ann a bhuineas do Ghà idhealtachd na h-Alba.
Cha bu chòir dha a bhith na iongnadh gu bheil cà l ann a chaidh a leasachadh ann an Alba. Tha e a’ dèanamh gu math anns an aimsir againn.
ʼS e an t-ainm a th’ air an t-seòrsa air a bheil mi a-mach Cà l Chataibh, a rèir nan daoine a tha ga reic mar shìl. No, ann am Beurla, Sutherland Kale. A rèir aithris, bha e air fhàs le croitearan ann an Cataibh.
Ach cà ite ann an Cataibh? Uill, tha an fheadhainn a tha a’ reic an t-sìl ag ainmeachadh baile air a bheil West Drummie. Nise, chan aithne dhomh baile ann an Cataibh air a bheil an t-ainm sin. Tha amharas agam gu bheilear a’ ciallachadh West Drummuie faisg air Goillspidh. Ach chan urrainn a bhith cinnteach às a sin. Ma tha sibh eòlach air baile air a bheil West Drummie, nach cuir sibh fios thugam.
Co-dhiù, chaidh innse – agus gabhaidh seo leughadh air an eadar-lìon – gun d’ fhuaras an sìol bho bhoireannach air an robh Ealasaid Woolcombe. Ann an dà mhìle ʼs a seachd (2007), bha i naochad ʼs a trì bliadhna a dh’aois. Agus fhuair ise an cà l sin bho fhear Aonghas Simmonds a bha a’ rannsachadh cà il ann an Oilthigh Dhùn Èideann caogad bliadhna roimhe sin. Ghlèidh Ealasaid sìol bho na lusan aice. Mura b’ e sin, ʼs dòcha gun robh an gnè sin de chà l air a dhol à bith.
Tha an fheadhainn a th’ air Cà l Chataibh a chur anns an leas aca air leth toilichte leis. Tha e là idir agus bidh e a’ fà s gu mu mheatair ann an à irde. Chan eil meanbh-fhrìdean a’ dèanamh cron air agus tha e a’ seasamh ris a’ ghaoith agus ri fuachd a’ gheamhraidh.Â
Gabhaidh dà phà irt dhen lus ithe – na duilleagan a tha car coltach ris na duilleagan aig seòrsaichean eile de chà l, agus na gasan ùra air am bi na flùraichean a’ fà s. Tha na gasan gu math milis agus coltach ri brocail òg. Tha cuid dhen bheachd gu bheil iad rudeigin coltach ri aspà rag. Nuair nach eil flùraichean air an lus, bidh daoine a’ bruich nan duilleagan. Tha blas math orrasan cuideachd.
Tha an cà l seo a-nise sà bhailte. Tha e air fhàs ann an iomadh à ite agus chan eil e ann an cunnart a dhol à bith. Ach tha ceist ann – a bheil e dha-rìribh na chà l? Buinidh na cà il don ghnè Brassica oleracea. Ach tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gum buin an cà l Catach do sheòrsa eile – Brassica napus. Thà inig sin gu bith mar tar-chineal eadar cà l à bhaisteach (Brassica oleracea), snèap (Brassica rapa) agus an sgeallan dubh (Brassica nigra). ʼS ann aig a’ chà l seo a tha eachdraidh inntinneach!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sinnsirean: ancestors; brocail: broccoli; aspà rag: asparagus; luchd-rannsachaidh: researchers.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha mi ag innse dhuibh mun dà sheòrsa cà il a bha mi a’ fàs anns an leas agam: I was telling you about the two types of kale that I was growing in my garden; tha mi air seòrsa eile a chur am-bliadhna: I have planted another variety this year; a bhuineas do Ghà idhealtachd na h-Alba: that belongs to the Highlands of Scotland; cha bu chòir dha a bhith na iongnadh: it shouldn’t be a surprise; gu bheil cà l ann a chaidh a leasachadh ann an Alba: that there is a kale that was developed in Scotland; a rèir nan daoine a tha ga reic mar shìl: according to the people who sell it as seed; tha amharas agam gu bheilear a’ ciallachadh West Drummuie faisg air Goillspidh: I suspect they mean West Drummuie (Druim Muigh) near Golspie; nach cuir sibh fios thugam: won’t you let me know; gun d’ fhuaras an sìol: that the seed was obtained; a’ rannsachadh cà il ann an Oilthigh Dhùn Èideann caogad bliadhna roimhe sin: researching kales at the University of Edinburgh fifty years earlier; bidh e a’ fàs gu mu mheatair ann an à irde: it grows to about a metre in height; chan eil meanbh-fhrìdean a’ dèanamh cron air: insects don’t harm it; tha e a’ seasamh ris a’ ghaoith agus ri fuachd a’ gheamhraidh: it withstands the wind and the winter cold; na gasan ùra air am bi na flùraichean a’ fà s: the new shoots on which the flowers grow; tha blas math orrasan cuideachd: they also taste good; bidh daoine a’ bruich nan duilleagan: people boil the leaves; tha e air fhàs ann an iomadh à ite: it is grown in many places; chan eil e ann an cunnart a dhol à bith: it’s not in danger of becoming extinct; a bheil e dha-rìribh na chà l?: is it truly a kale?; buinidh na cà il don ghnè Brassica oleracea: the kales belong to the species Brassica oleracea; thà inig sin gu bith mar tar-chineal eadar cà l à bhaisteach, snèap agus an sgeallan dubh: that came into being as a hybrid between ordinary cabbage, turnip and black mustard; ʼs ann aig a’ chà l seo a tha eachdraidh inntinneach: this kale has a fascinating history.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cà l Chataibh: Sutherland Kale. The marketers of this kale give Cà il Cataibh as the Gaelic name for the plant but Cà l Chataibh seems to this author to be more appropriate. An Cà l Catach might also work as a name. Cà l often stands for cabbage in Gaelic, but also applies to kale. Although the two plants can look quite different, they are closely related and share a common origin.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: gabhaidh seo leughadh air an eadar-lìon: this can be read on the internet.
Broadcast
- Sun 31 Aug 2025 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.