The Adventure Show | Reis ITERA 2025
Presenter Calum Maclean captains a team of elite athletes in a gruelling adventure race over five days.
An neach-lìbhrigidh Calum MacIlleathain os cionn sgioba de shà r lùth-chleasaichean - Marie Meldrum, Kerry Nic a Phì agus Aonghas Moireach – anns an tachartas as cruaidhe dhe leithid a-riamh ann an Alba. Tha rèis ITERA a’ gabhail a-steach ruith, rothaireachd-beinne agus caidheagadh, cho fada ri 600 cilemeatar ann an 5 latha.
Ga dhèanamh nas dùbhlanaiche, chan eil aon stad-oidhche anns a’ chlà r, agus feumaidh na sgiobaidhean mionaidean cadail fhaighinn nuair a bhios an cothrom sin aca. Cha bhi fiosrachadh aca mun t-slighe gus an oidhche ron à m, agus às aonais slighe shuidhichte ri leantainn, feumaidh iad an iùl fhèin a phlanadh eadar gach ìre. Ga dhèanamh nas dùbhlanaiche buileach, cha bhi cead aca taic ùr-nòsach, leithid uidheamhachd GPS, a chleachdadh. Feumaidh na sgiobaidhean an stuth pearsanta aca fhèin a ghiùlain cuideachd. Leis a sin bidh an tachartas seo mu dheidhinn tòrr a bharrachd air fallaineachd is neart, agus ’s ann air ro-innleachd a bhios buaidh an crochadh. Ann an toinneamh ris nach bi dùil, bidh à ireamh de dh’ìrean sònraichte a’ feitheamh air na sgiobaidhean far am feum iad dùbhlain dheuchainneach a choileanadh.
Tha ITERA mar phà irt de shreath cruinneil anns nach cuir ach 30% de sgiobaidhean crìoch air a’ chùrsa gu lèir. An tèid aig an sgioba againne air sin a dhèanamh no an gèill iad ro chrìch na cùise. Bidh camarathan an Adenture Show aig cridhe an tachartais, a’ clà radh gach nì a thig gu buil nuair a bhios sà r luchd-rèisidh air am putadh gu crìochan an fhulangais – agus ma dh’fhaoidte, thar nan crìochan sin.
Calum Maclean captains a team of elite adventure athletes - Marie Meldrum, Kerry MacPhee and Angus Murray - in the hardest event of its type ever held in Scotland. The ITERA adventure race involves running, mountain biking, trekking and paddling an estimated 600km in five days.
To make it more demanding, there are no scheduled overnight stops - teams grab a few minutes sleep when they can. Racers don’t see the route until the night before the event starts, and with no set map to follow, they must plan their own way between checkpoints. What's more challenging is they can’t use modern aids like GPS devices. Teams must also carry all their own personal gear. So this event is about much more than fitness - strategy is key to success. In an unexpected twist, there are a number of unannounced special stages with demanding challenges.
The ITERA is part of a world series where only 30 per cent of the teams usually survive to complete the full course. So will our team make it to the finish line or fall along the way? Cameras are at the heart of action to see what happens when you push top adventure racers to the limit - and even beyond.
Last on
Broadcasts
- Sat 23 Aug 2025 21:00
- Thu 28 Aug 2025 22:30