Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1365
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1365. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sunday
13:55
ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1061
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1365
Duration: 05:05
Litir 1365: Gà rradh Bìobaill (1)
Tha à ite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh. ’S e leas a th’ ann, no gà rradh, agus tha e suidhichte ri taobh na cathair-eaglais anns a’ bhaile. Gu mì-fhortanach, chaidh a’ chathair-eaglais mhòr sin a sgrios o chionn fhada. ’S e tobhta a th’ innte an-diugh.
’S e an rud a tha sònraichte mun ghà rradh sin gu bheil e stèidhichte air a’ Bhìoball. Tha na lusan a tha a' fà s ann – no mòran dhiubh – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball.Ìý
Tha na sgoilearan a th’ air rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo ag innse dhuinn gu bheil còrr is ceud lus – craobhan, preasan, luibhean – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball. ’S dòcha nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chuimhnicheas sinn à ite Gà rradh Èdein anns a’ chreideamh. Ann an Genesis Caibideil 2, Rann 15 tha seo: Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an Gà rradh Èidein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.
’S ann ann an Leabhar Ghenesis, a’ chiad leabhar anns a’ Bhìoball, a tha a’ chiad iomradh air gnèithean sònraichte de chraobhan. Gu h-iongantach, ’s e a’ chiad tè a nochdas anns an teacsa a’ chraobh-chrithinn. Tha sin ann an Genesis 2:37. Carson a tha sin annasach dhomh? Uill, dh’èirich beul-aithris am measg nan Gà idheal gur ann bhon chraoibh-chrithinn, no aspen, a thà inig am fiodh às an do rinneadh an crann-ceusaidh air an robh Iosa air a cheusadh. ’S e sin as coireach, chanadh na seann daoine, gu bheil duilleagan is gasan beaga na craoibhe an-còmhnaidh air chrith.
Ge-tà , nuair a choimheadas sinn air an dreach Bheurla dhen dearbh earrainn anns a’ Bhìoball, chan e ‘aspen’ a thathar ag ainmeachadh, ach ‘poplar’. Ged a tha an dà chraoibh sin cà irdeach do chèile, chan e an aon rud a th’ annta.
Tha a’ chraobh-chrithinn, a’ ciallachadh poplar, a’ nochdadh turas eile anns a’ Bhìoball. Tha sin a-rithist anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Leabhar Hosea, Caibideil 4, Rann 13 nuair a tha an teacsa mu dheidhinn droch chleachdaidhean anns an t-seann aimsir. Seo na tha an teacsa ag rà dh: Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chraobhan daraich agus crithinn agus cuilinn a chionn ’s gu bheil an sgà ile taitneach.Ìý
Tha sin a’ ciallachadh ann am Beurla ‘On the mountain summits they make sacrifice and upon the hills they burn incense; under oak trees and poplars and holly because the shade is pleasant.’ Ach, anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball a th’ agamsa, chan eil gin dhiubh ag ainmeachadh ‘holly’. Tha iad ag rà dh an dà rna cuid ‘elm’ no ‘terebinth’. ’S e an terebinth craobh a dh’fhà sas anns an Ear-mheadhanach – ann an à iteachan nas blà ithe na Alba.Ìý
Chì sibh gun robh duilgheadas aig an fheadhainn a rinn an t-eadar-theangachadh dhen Bhìoball – bhon Eabhra agus Seann Ghreugais – nuair a thà inig iad gu aithneachadh nan craobh agus a’ cur ainmean orra a dh’aithnicheadh na Gà idheil. Agus math dh’fhaodte gu bheil an aon rud fìor ann am Beurla.
Mar sin, ged a dh’fhaodamaid craobh-chuilinn a chur ann an Gà rradh Bìobaill ann an Alba – agus gum fà sadh i gu math – cha chreid mi gum fà sadh terebinth ro mhath ann. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air lusan eile a’ nochdas air duilleagan a’ Bhìobaill.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tobhta: ruin; a’ chraobh-chrithinn: the aspen tree; an Seann Tiomnadh: the Old Testament; Eabhra: Hebrew; Seann Ghreugais: Ancient Greek.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha à ite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh: there is an extraordinary place in Elgin, in Moray; ’s e leas a th’ ann, no gà rradh: it’s a garden; stèidhichte air a’ Bhìoball: based on the Bible; gu bheil còrr is ceud lus – craobhan, preasan, luibhean – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball: that more than a hundred plants – trees, shrubs, herbs – are named in the Bible; ’s dòcha nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chuimhnicheas sin à ite Gà rradh Èdein anns a’ chreideamh: perhaps that shouldn’t be a surprise when we remember the place of the Garden of Eden in the religion; ghabh an Tighearna Dia an duine: the Lord God took the man; ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh: to work it and take care of it; a’ chiad iomradh air gnèithean sònraichte de chraobhan: the first mention of particular species of trees; am fiodh às an do rinneadh an crann-ceusaidh: the wood from which the crucifixion cross was made; air an robh Iosa air a cheusadh: on which Jesus was crucified; gu bheil duilleagan is gasan beaga na craoibhe an-còmhnaidh air chrith: that the leaves and small stems of the tree are always quivering; ged a tha an dà chraoibh sin cà irdeach do chèile: although those two trees are related to each other; chan e an aon rud a th’ annta: they are not the same thing; tha iad a’ losgadh tùise: they are burning incense; a chionn ’s gu bheil an sgà ile taitneach: because the shade [under the foliage] is pleasant; a dh’aithnicheadh na Gà idheil: that the Gaels would recognise; cha chreid mi gum fà sadh X ro mhath ann: I don’t think that X would grow too well there.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: suidhichte ri taobh na cathair-eaglais: situated next to the cathedral. In the compound noun cathair-eaglais, literally ‘throne-church’ (referring to a bishop’s throne), the basic noun is eaglais, with cathair acting as an adjective (unusually, in front of the noun). Ri taobh is a compound preposition which commands the genitive case so eaglais should be in the genitive singular. Traditionally this would have been eaglaise so ri taobh na cathair-eaglaise would also work, but in modern Gaelic the terminal ‘e’ in the genitive singular form of feminine nouns, particularly in a compound noun of this nature, is often left off.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Carson a tha sin annasach dhomh?: why is that strange to me?
Broadcast
- Sunday 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.