le Cathy NicDhòmhnaill
Cò th' air a rà dh gun seas iad ann an taghadh cinn-suidhe na h-Èireann? Who are the candidates in Ireland's upcoming presidential election?
Chan eil ach seachdain ri dhol gus an tèid dearbhadh cò dìreach a sheasas airson dreuchd cinn-suidhe Poblachd na h-Èireann. Agus tha an rèis air connspaid is argamaid gu leòr ionnsachadh mu thrà th. Cò dìreach a tha a' seasamh, agus dè cho cudromach is a dh' fhaodadh an taghadh a bhith? Tha Brian O hÙiginn agus Iain Mac an Tà illeir a' toirt dhuinn am beachdan fhèin air a' ghnothaich à Eirinn.
Cluinnidh Cathy cuideachd mun fhiolm ùr Downton Abbey, agus mar a tha e a' grèimeachadh gu leòr luchd-amharc.
Tha an t-Oll. Ùisdean MacNeacail ag innse dhuinn mu mar a thathas ag iarraidh air luchd-coiseachd air a' Ghà idhealtachd, an aire thoirt do chlachan bho na speuran.
Agus thèid taigh-coinneamh Orasaigh a leagail a dh'aithghearr - à ite air leth cudromach ann an eachdraidh na sgìre. Tha Cairistìona Cheanadach am measg an fheadhainn aig a bheil cuimhneachain gu leòr air, agus le oidhirp na thèid a reic às an Taigh-Coinneamh a chleachdadh gus pà igheadh airson carragh-cuimhne do Bhà thadh Orasaidh, tha i ag innse dha Cathy mun cheangal teaghlaich a th' aice fhèin ris an tubaist uabhasach ann an 1945, san do chaill ceathrar am beatha.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 16 Sep 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Sep 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal