cuide ri Cathy NicDhòmhnaill
'S i an cleasaiche Chrissie Nic a' Ghobhainn an cèiliche aig Cathy an t-seachdain sa. Cathy MacDonald's guest this week is actor Chrissie Smith from Leurbost in Lewis.
Tha dìomhaireachd agus connspaid air a bhith an lùib eachdraidh fear a bha na cheannard air buidheann Shia à Lebanon, Musa al-Sadr, bho chaidh e a dhith bho chionn faisg air 50 bliadhna air ais. Ach an deach a mhuirt, mar a tha gu leòr a' smaoineachdainn? Agus dè na rudan as ùire tha a' nochdadh mun a' ghnothaich? THa Calum Iain Bartlett air a bhith rannsachadh dhuinn.
Cluinnidh sinn cuideachd bho Phatsi NicChoinnich mu chumadh is cruth às ùr air The Talented Mr Ripley, a tha ri fhaicinn sna taighean dealbh.
Agus 's i an cleasaiche Chrissie Nic a' Ghobhainn an cèiliche a th' aig Cathy an t-seachdain sa. Eadar a h-òige ann an Liurbost agus a beatha-obrach sna bancaichean, agus a h-obair mar chleasaiche cuideachd, 's iomadh seanchas a bhios ri chluinntinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 17 Sep 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Sep 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal